Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 26:6 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 Agus chaidh e a‑mach, agus chog e an aghaidh nam Philisteach, agus bhris e sìos balla Ghait, agus balla Iabneith, agus balla Asdoid; agus thog e bailtean ann an Asdod, agus am measg nam Philisteach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 Agus chaidh e a‑mach, agus chog e an aghaidh nam Philisteach, agus bhris e sìos balla Ghait, agus balla Iabneith, agus balla Asdoid; agus thog e bailtean ann an Asdod, agus am measg nam Philisteach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 26:6
12 Iomraidhean Croise  

Agus an dèidh seo bhuail Daibhidh na Philistich, agus cheannsaich e iad: agus ghlac Daibhidh Metegamah à làimh nam Philisteach.


Agus an dèidh seo bhuail Daibhidh na Philistich, agus cheannsaich e iad; agus ghlac e Gat agus a bhailtean beaga à làimh nam Philisteach.


Agus Gat, agus Maresah, agus Siph,


Uime sin bhrosnaich an Tighearna an aghaidh Iehoraim spiorad nam Philisteach, agus nan Arabach, a bha làimh ris na h‑Etiopaich:


Na dèan‐sa gàirdeachas, O uile Phalistìna, a chionn gun do bhriseadh slat an fhir a bha gad bhualadh: oir o fhreumh na nathrach thig a‑mach rìgh‐nathair, agus is toradh dhi nathair theinnteach itealach.


Anns a’ bhliadhna anns an tàinig Tartan gu Asdod, nuair a chuir Sargon rìgh Asiria a‑mach e, agus a chog e an aghaidh Asdoid agus a ghlac e e;


Agus gearraidh mi am fear‐àiteachaidh air falbh o Asdod, agus esan a ghlacas an t‑slat‐rìoghail o Ascelon; agus tionndaidhidh mi mo làmh an aghaidh Ecroin: agus bàsaichidh fuidheall nam Philisteach, deir an Tighearna Iehòbhah.


Siùbhlaibh thairis gu Calneh, agus faicibh; agus rachaibh as a sin gu Hamat mòr: an sin rachaibh sìos gu Gat nam Philisteach: an fheàrr iadsan na na rìoghachdan seo? No a bheil an crìochan nas mò na ur crìoch‐se?


Agus chaidh a’ chrìoch a‑mach gu taobh Ecroin ri tuath; agus thàirngeadh a’ chrìoch gu Sicron, agus ghabh i thairis air sliabh Bhàalah, agus chaidh i a‑mach gu Iabneel: agus bha dol a‑mach na crìche aig a’ mhuir.


Asdod le a bhailtean as mò agus a bhailtean beaga, Gàsah le a bhailtean as mò agus a bhailtean beaga, gu abhainn na h‑Eiphit, agus an fhairge mhòir, eadhon a crìch.


Agus ghabh na Philistich àirc Dhè, agus thug iad leo i o Eben‐eser gu Asdod.


Ach bha làmh an Tighearna trom air muinntir Asdoid, agus sgrios e iad, agus bhuail e iad le neasgaidean fala, eadhon Asdod agus a chrìochan.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan