Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 26:1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Agus ghabh sluagh Iùdah uile Udsiah, agus e sia‑bliadhna‑deug a dh’aois, agus rinn iad e na rìgh an àit a athar Amasiah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus ghabh sluagh Iùdah uile Udsiah, agus e sia-bliadhna-deug a dh’aois, agus rinn iad e na rìgh an àit a athar Amasiah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 26:1
12 Iomraidhean Croise  

Anns an dara bliadhna de Iehoas mac Iehoahais rìgh Israeil, rìghich Amasiah mac Iòais, rìgh Iùdah.


Agus ghabh sluagh Iùdah uile Asariah, agus e sia‑bliadhna‑deug a dh’aois, agus rinn iad na rìgh e an àit a athar Amasiah.


Amasiah a mhac‐san, Asariah a mhac‐san, Iotam a mhac‐san,


Agus rinn luchd‐àiteachaidh Ierusaleim Ahasiah, a mhac a b’òige, na rìgh na àite: oir mharbh a’ bhuidheann a thàinig maille ris na h‑Arabaich don champ na mic a bu shine uile. Agus rìghich Ahasiah mac Iehoraim, rìgh Iùdah.


Agus thug iad leo air eich e, agus dh’adhlaic iad e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh.


Thog esan Elat, agus dh’aisig e e do Iùdah, an dèidh don rìgh cadal maille ra athraichean.


Ach mharbh sluagh na tìre iadsan uile a rinn ceannairc an aghaidh rìgh Amoin, agus rinn sluagh na tìre Iosiah a mhac na rìgh na àite.


Taisbeanadh Isaiah mhic Amois, a chunnaic e mu thimcheall Iùdah, agus Ierusaleim, ann an làithean Usiah, Iotaim, Ahais, agus Heseciah, rìghrean Iùdah.


Facal an Tighearna a thàinig gu Hosèa, mac Bheeri, ann an làithean Usiah, Iotaim, Ahais agus Heseciah, rìghrean Iùdah, agus ann an làithean Ierobòaim, mhic Iohais, rìgh Israeil.


Briathran Amois, a bha am measg buachaillean Thecòa, a fhuair e mu thimcheall Israeil, ann an làithean Usiah rìgh Iùdah, agus ann an làithean Ierobòaim mhic Iohais, rìgh Israeil, dà bhliadhna ron chrith‐thalmhainn.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan