Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 21:2 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Agus bha bràithrean aige‐san, mic Iehosaphait, Asariah, agus Iehiel, agus Sechariah, agus Asariah, agus Micheal, agus Sephatiah: b’iad sin uile mic Iehosaphait, rìgh Iùdah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Agus bha bràithrean aigesan, mic Iehosaphait, Asariah, agus Iehiel, agus Sechariah, agus Asariah, agus Micheal, agus Sephatiah: b’iad sin uile mic Iehosaphait, rìgh Iùdah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 21:2
10 Iomraidhean Croise  

An sin dh’irioslaich uachdarain Israeil agus an rìgh iad fhèin, agus thubhairt iad, Tha an Tighearna ceart.


Agus nuair a dh’èirich Iehoram suas gu rìoghachd a athar, agus a dhaingnich e e fhèin, mharbh e a bhràithrean uile leis a’ chlaidheamh, agus mar an ceudna cuid de uachdarain Israeil.


Agus chaidh iad mun cuairt ann an Iùdah, agus chruinnich iad na Lèbhithich a‑mach à uile bhailtean Iùdah, agus cinn athraichean Israeil, agus thàinig iad gu Ierusalem.


Agus dh’adhlaic iad e ann am baile Dhaibhidh maille ris na rìghrean, a chionn gun do rinn e math ann an Israel, araon a‑thaobh Dhè, agus a‑thaobh a thaighe.


Agus chruinnich e ri chèile na sagartan agus na Lèbhithich, agus thubhairt e riu, Rachaibh a‑mach do bhailtean Iùdah, agus cruinnichibh o Israel uile airgead a chàradh taigh ur Dè o bhliadhna gu bliadhna, agus faicibh gun dèan sibh cabhag anns a’ ghnothach. Gidheadh cha do rinn na Lèbhithich cabhag.


Oir rinn an Tighearna Iùdah ìosal airson Ahais rìgh Iùdah, a chionn gun do rinn e Iùdah lomnochd, agus gun do rinn e cionta mòr an aghaidh an Tighearna.


Oir dh’ìobair e do dhiathan Dhamascais a bhuail e, agus thubhairt e, A chionn gun cuidich diathan rìghrean Shiria leo, ìobraidh mise dhaibh a‑chum gun cuidich iad leamsa: ach is ann a bha iad nan adhbhar sgrios dha fhèin, agus do Israel uile.


Agus chaidil Ahas maille ra athraichean, agus dh’adhlaic iad e anns a’ bhaile, ann an Ierusalem; ach cha tug iad e do àitean‐adhlaic rìghrean Israeil; agus rìghich Heseciah a mhac na àite.


Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Mhanaseh, agus a ùrnaigh ra Dhia, agus briathran nam fear‐seallaidh a labhair ris ann an ainm an Tighearna Dia Israeil, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar rìghrean Israeil.


Agus cha do chumadh a leithid sin de chàisg ann an Israel o làithean Shamueil am fàidh: cha mhò a chùm uile rìghrean Israeil a leithid de chàisg is a chùm Iosiah, agus na sagartan, agus na Lèbhithich, agus Iùdah agus Israel uile a bha an làthair, agus luchd‐àiteachaidh Ierusaleim.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan