Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Eachdraidh 2:7 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 A‑nis matà cuir am ionnsaigh duine, teòma air obrachadh ann an òr, agus ann an airgead, agus ann an umha, agus ann an iarann, agus ann an corcar, agus ann an dearg, agus ann an gorm, agus a tha eòlach air gearradh gu grinn maille ris na daoine ealanta a tha maille riumsa ann an Iùdah, agus ann an Ierusalem, a sholair Daibhidh m’athair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Eachdraidh 2:7
9 Iomraidhean Croise  

Agus mar an ceudna luingeas Hiraim a ghiùlain òr o Ophir, thug i o Ophir ro‑mhòran de fhiodh almuig, agus clachan luachmhor.

Bu mhac bantraich e de threubh Naphtali, agus b’fhear o Thìrus a athair, ceàrd‐umha; agus bha e làn de ghliocas, agus de thuigse, agus de eòlas a dhèanamh gach obrach ann an umha: agus thàinig e a dh’ionnsaigh rìgh Solamh, agus rinn e a obair uile.

Oir bidh a Dhia ag ionnsachadh eòlais dha, agus ga theagasg.

Tha seo fòs a’ teachd o Thighearna nan sluagh: tha esan iongantach ann an comhairle, òirdheirc ann an gnìomh.

Agus togaidh mic a’ choigrich suas do bhallachan, agus frithealaidh an rìghrean dhut; oir ann am chorraich bhuail mi thu, ach ann am dheagh‐ghean nì mi iochd ort.

Rinn iad d’uile chlàir de chruinn‐ghiuthais Shenir: thug iad seudair o Lebanon a dhèanamh chrann‐siùil dhut.

Lean sinn:

Sanasan

Sanasan