Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 2:5 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 Agus bidh an taigh a thogas mise mòr: oir is mòr ar Dia‑ne os cionn nan uile dhiathan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 Agus bidh an taigh a thogas mise mòr: oir is mòr ar Dia-ne os cionn nan uile dhiathan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 2:5
18 Iomraidhean Croise  

Ach an gabh Dia da‑rìribh còmhnaidh air an talamh? Feuch, cha chùm na nèamhan agus nèamhan nan nèamh thusa; cia mòr as lugha na sin an taigh seo a thog mise?


Agus an taigh seo a bha cho àrd, gach neach a ghabhas seachad air, bidh ioghnadh air, agus nì e sgeig; agus their iad, Carson a rinn an Tighearna mar seo ris an tìr seo, agus ris an taigh seo?


Oir is mòr an Tighearna, agus ro‑airidh air cliù: agus is adhbhar eagail esan os cionn nan uile dhiathan:


Agus thubhairt Daibhidh an rìgh ris a’ cho‐chruinneachadh uile, Tha Solamh mo mhac den do rinn Dia a‑mhàin roghainn, òg agus maoth, agus tha an obair mòr: oir chan ann airson duine ach airson an Tighearna Dia a tha an lùchairt.


Ach cò mise, agus ciod iad mo shluagh, gum biodh e nar comas tabhartasan a thoirt seachad cho toileach air an dòigh seo? Oir is ann uatsa a tha na h‑uile nithean, agus is ann ded chuid fhèin a thug sinn dhut:


Eadhon a dheasachadh dhomh fiodha ann am pailteas; oir bidh an taigh a tha mise gus a thogail mòr agus iongantach.


Mo mhic, na bithibh a‑nis dearmadach; oir thagh an Tighearna sibh gu seasamh na làthair a dhèanamh seirbhis dha, agus gu bhith a’ frithealadh dha agus a’ losgadh tùise.


Ach an gabh Dia da‑rìribh còmhnaidh maille ri daoine air an talamh? Feuch, cha chùm na nèamhan agus nèamhan nan nèamh thusa; cia as ro‑lugha na sin an taigh seo a thog mise?


Oir tha fhios agam gur mòr an Tighearna agus gu bheil ar Tighearna os cionn nan uile dhiathan.


Is mòr an Tighearna, agus is ro‑airidh e air moladh; agus chan fhaodar a mhòrachd a rannsachadh.


Molaibh e, a nèamhan nan nèamh, agus uisgeachan a tha os cionn nan nèamh.


Cò as cosmhail riutsa am measg nan diathan, a Thighearna? Cò a tha cosmhail riut, glòrmhor ann an naomhachd, uamhasach ann am moladh, a’ dèanamh nithean iongantach?


A‑nis, tha fhios agam gur mò an Tighearna na na h‑uile dhiathan; oir anns an nì sin anns an do rinn iad gu h‑uaibhreach, bha esan os an cionn.


Mar seo deir an Tighearna, Is iad na nèamhan mo rìgh‐chathair, agus an talamh stòl mo chas; cia e an taigh a thogas sibh dhòmhsa? Agus cia e ionad mo chòmhnaidh?


Chan eil aon neach ann cosmhail riutsa, O Thighearna; Is mòr thu, agus is mòr d’ainm ann an cumhachd.


A chionn gun do rinn iad dheth èideadh àillidh agus sgiamhach, leis an do sgeadaich iad dealbhan gràineil an nithean fuathach, uime sin bheir mise fa‑near gum buinear e uapa.


Nì, na àmannan fhèin, a dh’fhoillsicheas an Tì a tha beannaichte, agus a‑mhàin cumhachdach, Rìgh nan rìgh, agus Tighearna nan tighearnan;


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan