2 Eachdraidh 2:3 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19923 Agus chuir Solamh teachdaire gu Huram rìgh Thìruis, ag ràdh, Mar a rinn thu ri Daibhidh m’athair, agus a chuir thu da ionnsaigh craobhan seudair a thogail taighe dha gu còmhnaidh a ghabhail ann, dèan riumsa: Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 19923 Agus chuir Solamh teachdaire gu Huram rìgh Thìruis, ag ràdh, Mar a rinn thu ri Daibhidh m’athair, agus a chuir thu da ionnsaigh craobhan seudair a thogail taighe dha gu còmhnaidh a ghabhail ann, dèan riumsa: Faic an caibideil |
Agus tha iad a’ losgadh don Tighearna ìobairtean‐loisgte air gach madainn agus air gach feasgar, agus tùis chùbhraidh; agus tha aran na fianais air a’ bhòrd fhìorghlan, agus an coinnleir òir maille ra lòchrain a’ lasadh air gach feasgar: oir tha sinne a’ gleidheadh cùram an Tighearna ar Dia; ach thrèig sibhse e.
Agus nuair a chrìochnaich iad an obair, thug iad na dh’fhàgadh den airgead an làthair an rìgh agus Iehoiada, agus rinn iad soithichean dheth do thaigh an Tighearna, soithichean‐frithealaidh nan ìobairtean‐loisgte, agus spàinean, agus soithichean òir agus airgid: agus dh’ìobair iad ìobairtean‐loisgte a‑ghnàth ann an taigh an Tighearna, rè uile làithean Iehoiada.