Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 18:9 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Agus shuidh rìgh Israeil, agus Iehosaphat rìgh Iùdah, gach fear air a rìgh‐chathair fhèin, len earradh rìoghail orra, agus shuidh iad ann an àite rèidh, aig dol a‑steach geata Shamaria; agus bha na fàidhean uile ri fàidheadaireachd nan làthair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Agus shuidh rìgh Israeil, agus Iehosaphat rìgh Iùdah, gach fear air a rìgh-chathair fhèin, len earradh rìoghail orra, agus shuidh iad ann an àite rèidh, aig dol a‑steach geata Shamaria; agus bha na fàidhean uile ri fàidheadaireachd nan làthair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 18:9
12 Iomraidhean Croise  

Agus rinn Sedeciah, mac Chenannah, adhaircean iarainn dha fhèin, agus thubhairt e, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Leo seo buailidh tu na Sirianaich, gus an cuirear as dhaibh.


Agus thubhairt rìgh Israeil ri Iehosaphat, Cuiridh mise mi fhèin ann an coslas eile, agus thèid mi a‑steach don chath: ach cuir thusa d’earradh rìoghail ort. Agus chuir rìgh Israeil e fhèin ann an coslas eile, agus chaidh e a‑steach don chath.


Agus ghairm rìgh Israeil aon de a mhaoir, agus thubhairt e, Greas an seo Micaiah mac Imla.


Tha ionad nam marbh air gluasad shìos air do shon, gud choinneachadh aig do theachd; tha e a’ dùsgadh nam marbh air do shon, uile dhaoine mòra na talmhainn; tha e a’ toirt air uile rìghrean nan cinneach èirigh suas on cathraichean.


An sin thig uile phrionnsachan na fairge a‑nuas on rìgh‐chathraichean, agus cuiridh iad am fallaingean a thaobh, agus cuiridh iad dhiubh an culaidhean grèise: èididh iad iad fhèin le ball‐chrith, suidhidh iad air an làr, agus criothnaichidh iad gach tiota, agus bidh uamhas orra dod thaobh‐sa.


Dh’amhairc mi gus an robh na rìgh‐chathraichean air an suidheachadh, agus shuidh Aosda nan Làithean, aig an robh a thrusgan geal mar shneachd, agus falt a chinn mar olainn ghlain; a chathair‐rìoghail mar lasair theine, a rothan mar theine loisgeach.


Ach ciod e an nì a chaidh sibh a‑mach a dh’fhaicinn? An e duine air a sgeadachadh ann an aodach mìn? Feuch, a’ mhuinntir a chaitheas aodach mìn, is ann an taighean nan rìghrean a tha iad.


Agus thubhairt Iosa riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Sibhse a lean mise, anns an ath‐ghineamhain, nuair a shuidheas Mac an Duine air cathair a ghlòire fhèin, gun suidh sibhse mar an ceudna air dà‑chathair‐dheug, a’ toirt breith air dà‑threubh‐dheug Israeil.


Gidheadh tha mise ag ràdh ribh nach robh Solamh fhèin na uile ghlòir air èideadh mar aon dhiubh seo.


An sin chaidh Bòas suas a dh’ionnsaigh a’ gheata, agus shuidh e sìos an sin: agus, feuch, bha am fear‐dàimh mun do labhair Bòas a’ dol seachad, agus thubhairt e ris, Ho, a leithid seo de fhear! Thig a lethtaobh, suidh sìos an seo. Agus thàinig e a lethtaobh, agus shuidh e sìos.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan