Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 18:3 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Agus thubhairt Ahab rìgh Israeil ri Iehosaphat rìgh Iùdah, An tèid thu maille riumsa do Ramot‐gilead? Agus fhreagair esan e, Tha mise mar a tha thusa, agus mo shluagh‐sa mar do shluagh‐sa, agus bidh sinn leat anns a’ chogadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Agus thubhairt Ahab rìgh Israeil ri Iehosaphat rìgh Iùdah, An tèid thu maille riumsa do Ramot-gilead? Agus fhreagair esan e, Tha mise mar a tha thusa, agus mo shluagh-sa mar do shluagh-sa, agus bidh sinn leat anns a’ chogadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 18:3
9 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e ri Iehosaphat, An tèid thu maille riumsa gu cath do Ramot‐gilead? Agus thubhairt Iehosaphat ri rìgh Israeil, Tha mise mar a tha thusa, mo shluagh‐sa mar do shluagh‐sa, m’eich‐sa mar d’eich‐sa.


Mac Ghebeir ann an Ramot‐gilead; dhàsan bhuineadh bailtean Iair mhic Mhanaseh, a tha ann an Gilead; dhàsan mar an ceudna bhuineadh tìr Argoib, a tha ann am Basan, trì‐fichead baile mòr le ballachan agus le crainn umha:


Agus chaidh e, agus chuir e teachdairean gu Iehosaphat rìgh Iùdah, ag ràdh, Rinn rìgh Mhòaib ceannairc am aghaidh: an tèid thu maille rium an aghaidh Mhòaib gu cath? Agus thubhairt esan, Thèid mi suas: tha mise mar a tha thusa, mo shluagh‐sa mar do shluagh‐sa, m’eich‐sa mar d’eich‐sa.


Agus an ceann bhliadhnachan àraidh chaidh e sìos a dh’ionnsaigh Ahaib do Shamaria: agus mharbh Ahab caoraich agus crodh ann am pailteas air a shon, agus airson an t‑sluaigh a bha maille ris, agus chuir e impidh air dol suas gu Ramot‐gilead.


Agus thubhairt Iehosaphat ri rìgh Israeil, Fiosraich, guidheam ort, an‑diugh de fhacal an Tighearna.


Agus chaidh Iehu mac Hanani am fear‐seallaidh a‑mach na choinneamh, agus thubhairt e ri rìgh Iehosaphat, Am buineadh dhutsa an t‑aingidh a chuideachadh, agus iadsan a ghràdhachadh a dh’fhuathaicheas an Tighearna? Uime sin tha fearg riut o làthair an Tighearna.


Nach eil mi a’ tabhairt fuath, a Thighearna, dhaibhsan a tha a’ tabhairt fuath dhutsa? Agus nach eil mi a’ gabhail gràin dhiubhsan a tha ag èirigh suas ad aghaidh?


Agus na biodh co‑chomann agaibh ri obraichean neo‐thairbheach an dorchadais, ach gum b’fheàrr leibh an cronachadh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan