Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 16:3 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Biodh coicheangal eadar mise agus thusa, mar a bha eadar m’athair‐sa agus d’athair‐sa: feuch, chuir mi ad ionnsaigh airgead agus òr; falbh, bris do choicheangal ri Baasa rìgh Israeil, a‑chum gun imich e uam.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Biodh coicheangal eadar mise agus thusa, mar a bha eadar m’athair-sa agus d’athair-sa: feuch, chuir mi ad ionnsaigh airgead agus òr; falbh, bris do choicheangal ri Baasa rìgh Israeil, a‑chum gun imich e uam.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 16:3
16 Iomraidhean Croise  

Agus ghairm an rìgh air na Gibeonaich, agus thubhairt e riu; (a‑nis cha robh na Gibeonaich de chloinn Israeil, ach de iarmad nan Amorach: agus thug clann Israeil mionnan dhaibh: agus dh’iarr Saul am marbhadh, na eud airson chloinn Israeil agus Iùdah:)


Agus bha cogadh eadar Asa agus Baasa rìgh Israeil, rè an làithean uile.


An sin thug Asa a‑mach airgead agus òr à ionmhasan taigh an Tighearna agus taigh an rìgh, agus chuir e teachdairean gu Benhadad rìgh Shiria a bha a chòmhnaidh an Damascas, ag ràdh,


Agus dh’èisd Benhadad ri rìgh Asa, agus chuir e ceannardan nan armailt a bha aige an aghaidh bailtean Israeil; agus bhuail iad Ion, agus Dan, agus Abel‐maim, agus uile bhailtean‐ionmhais Naphtali.


Agus thubhairt Ahab rìgh Israeil ri Iehosaphat rìgh Iùdah, An tèid thu maille riumsa do Ramot‐gilead? Agus fhreagair esan e, Tha mise mar a tha thusa, agus mo shluagh‐sa mar do shluagh‐sa, agus bidh sinn leat anns a’ chogadh.


Agus chaidh Iehu mac Hanani am fear‐seallaidh a‑mach na choinneamh, agus thubhairt e ri rìgh Iehosaphat, Am buineadh dhutsa an t‑aingidh a chuideachadh, agus iadsan a ghràdhachadh a dh’fhuathaicheas an Tighearna? Uime sin tha fearg riut o làthair an Tighearna.


Leis an suarach an droch dhuine, ach a bheir urram dhaibhsan air am bi eagal an Tighearna; a mhionnaicheas a‑chum a challdaich fhèin, agus nach caochail;


Agus thubhairt Maois ri Aaron, Ciod a rinn an sluagh seo ort, gun tug thu peacadh cho mòr orra?


Agus ciod a’ cho‐rèite a tha aig teampall Dhè ri iodhalan? Oir is sibhse teampall an Dè bheò; a rèir mar a thubhairt Dia, Gabhaidh mise còmhnaidh annta, agus gluaisidh mi nam measg; agus bidh mise am Dhia acasan, agus bidh iadsan nan sluagh agamsa.


Gun ghràdh nàdarra, nan luchd‐brisidh coicheangail, tuaileasach, neo‐gheamnaidh, borb, gun ghaol don mhath,


Agus cha dèan sibh coicheangal sam bith ri luchd‐àiteachaidh na tìre seo; tilgidh sibh sìos an altairean: ach cha tug sibh gèill dom ghuth: carson a rinn sibh seo?


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan