Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 15:8 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Agus nuair a chuala Asa na briathran sin, agus fàidheadaireachd Asariah mhic Odeid am fàidh, ghabh e misneach, agus chuir e air falbh na h‑iodhalan gràineil à tìr Iùdah agus Bheniàmin uile, agus as na bailtean a ghlac e de shliabh Ephraim, agus dh’athnuadhaich e altair an Tighearna, a bha air beulaibh sgàth‐thaigh an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Agus nuair a chuala Asa na briathran sin, agus fàidheadaireachd Asariah mhic Odeid am fàidh, ghabh e misneach, agus chuir e air falbh na h‑iodhalan gràineil à tìr Iùdah agus Bheniàmin uile, agus as na bailtean a ghlac e de shliabh Ephraim, agus dh’athnuadhaich e altair an Tighearna, a bha air beulaibh sgàth-thaigh an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 15:8
24 Iomraidhean Croise  

Oir chaidh Solamh an dèidh Astaroit, ban‐dia nan Sìdonach, agus an dèidh Mhilcoim, gràinealachd nan Amonach.


An sin thog Solamh ionad àrd do Chemos, gràinealachd Mhòaib, anns an t‑sliabh a tha mu choinneamh Ierusaleim; agus do Mholech, gràinealachd chloinn Amoin.


Agus anns an fhicheadamh bliadhna de Ierobòam rìgh Israeil, rìghich Asa os cionn Iùdah.


Agus thug e mar an ceudna an altair umha, a bha ann am fianais an Tighearna, o bheulaibh an taighe, o eadar an altair agus taigh an Tighearna, agus chuir e i air taobh tuath na h‑altarach.


Ach ma their sibh rium, As an Tighearna ar Dia tha ar n‑earbsa: nach e seo esan, a chuir Heseciah air falbh a àitean àrda, agus a altairean, agus a thubhairt ri Iùdah agus ri Ierusalem, fa chomhair na h‑altarach seo sleuchdaidh sibh ann an Ierusalem?


Agus na h‑àitean àrda a bha fa chomhair Ierusaleim, a bha air an làimh dheis de shliabh na truaillidheachd, a thog Solamh rìgh Israeil do Astarot, gràinealachd nam Mòabach, agus do Mhilcom, gràinealachd chloinn Amoin, thruaill an rìgh.


Agus lean Abiah an ruaig air Ierobòam, agus ghlac e uaithe mòr‐bhailtean: Betel le a bhailtean beaga, agus Iesanah le a bhailtean beaga, agus Ephron le a bhailtean beaga.


Agus chuir e feachd ann an uile bhailtean daingnichte Iùdah, agus chuir e freiceadain ann an tìr Iùdah, agus ann am bailtean Ephraim, a ghlac Asa a athair.


Agus, feuch, tha Amariah an t‑àrd‐shagart os ur cionn ann an uile ghnothaichean an Tighearna; agus Sebadiah mac Ismaeil na cheannard air taigh Iùdah ann an uile ghnothaichean an rìgh; agus na Lèbhithich nan luchd‐riaghlaidh nur fianais. Bithibh misneachail, agus dèanaibh; agus bidh an Tighearna maille ris a’ mhath.


Agus ghabh Iehosaphat còmhnaidh ann an Ierusalem: agus chaidh e a‑mach a‑rìs air feadh an t‑sluaigh, o Bheer‐sèba gu sliabh Ephraim, agus thug e air an ais iad a dh’ionnsaigh an Tighearna, Dia an athraichean.


An sin chaidh iad a‑steach a dh’ionnsaigh Heseciah an rìgh, agus thubhairt iad, Ghlan sinn taigh an Tighearna uile, agus altair na h‑ìobairt‐loisgte maille ra soithichean uile, agus bòrd an arain thaisbeanta maille ra shoithichean uile.


Agus rinn e altair umha: fichead làmh‐choille a fad, agus fichead làmh‐choille a leud, agus deich làmhan‐coille a h‑àirde.


An sin dh’ìobair Solamh ìobairtean‐loisgte don Tighearna, air altair an Tighearna, a thog e fa chomhair an sgàth‐thaighe;


Gearraidh e sìos craobhan seudair dha fhèin agus gabhaidh e an giuthas agus an darach, a thaghas e dha fhèin am measg craobhan na frìthe; suidhichidh e crann‐uinsinn, agus altraimidh an t‑uisge e.


A tha a’ fantainn am measg nan àiteachan‐adhlaic, agus a’ gabhail còmhnaidh anns na h‑uaimhean; a tha ag ithe feòil mhuc, agus aig a bheil sùgh nithean gràineil nan soithichean.


Agus dìolaidh mi le tomhas dùbailte an aingidheachd agus an lochd, a chionn gun do thruaill iad m’fhearann le sailchead an gnìomharan fuathach; agus len gràinealachdan lìon iad m’oighreachd.


Mar sin chaidh mi a‑steach agus chunnaic mi, agus, feuch, uile chosamhlachdan gach nì a shnàigeas, agus gach beathaich ghràineil, agus uile iodhalan taigh Israeil air an tarraing air a’ bhalla, gach taobh mun cuairt.


Uime sin gleidhidh sibh m’òrdaighean, a‑chum nach dèan sibh aon air bith de na gnàthannan gràineil ud, a rinneadh romhaibh, agus nach truaill sibh sibh fhèin annta: Is mise an Tighearna ur Dia.


Agus dh’imich esan a fhuair na còig tàlannan, agus rinn e ceannachd leo, agus bhuannaich e còig tàlannan eile.


Agus as a sin, air faotainn ar sgeòil do na bràithrean, thàinig iad nar coinneamh gu Apii‐forum, agus Na Trì Taighean‐òsda; agus nuair a chunnaic Pòl iad, thug e buidheachas do Dhia, agus ghabh e misneach.


Mallaichte gu robh an duine a nì dealbh snaidhte no leaghte, gràinealachd don Tighearna, obair‐làmh an fhir‐cheàirde, agus a chuireas e ann an ionad diamhair: agus freagraidh an sluagh uile, agus their iad, Amen.


Oir is leòr dhuinn a’ chuid a chaidh seachad de aimsir ar beatha gu toil nan Cinneach a dhèanamh, nuair a shiubhail sinn ann am macnas, ann an ana‐miannan, ann an anabarr fìona, ann an geòcaireachd, ann am pòiteireachd, agus ann an iodhal‐adhradh ain‐dligheach:


Agus chuir iad air falbh na diathan coimheach as am measg, agus rinn iad seirbhis don Tighearna: agus bha doilgheas air a anam airson truaighe Israeil.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan