Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 15:3 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 A‑nis rè iomadh là bidh Israel as eugmhais Dia na fìrinn, agus as eugmhais sagairt a theagaisgeas, agus as eugmhais lagha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 A‑nis rè iomadh là bidh Israel as eugmhais Dia na fìrinn, agus as eugmhais sagairt a theagaisgeas, agus as eugmhais lagha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 15:3
22 Iomraidhean Croise  

Agus anns an treas bliadhna de a rìoghachadh chuir e cuid de a uachdarain, Benhail, agus Obadiah, agus Sechariah, agus Netaneel, agus Micaiah, a theagasg ann am bailtean Iùdah.


Agus thubhairt Nehemiah, neach as e an Tirsata, agus Esra an sagart, an sgrìobhaiche, agus na Lèbhithich a theagaisg an sluagh, ris an t‑sluagh uile, Tha an là seo naomh don Tighearna ur Dia; na dèanaibh caoidh no gul: oir ghuil an sluagh uile, nuair a chuala iad briathran an lagha.


Ach Iehòbhah, is esan an Dia fìor, an Dia beò, agus an rìgh bithbhuan: ro a chorraich‐san criothnaichidh an talamh, agus chan urrainn na cinnich a fhearg a ghiùlan.


Tha a geatachan air dol sìos anns an talamh; mhill agus bhris e a croinn‐dhruididh; tha a rìghrean agus a h‑uachdarain am measg nan cinneach; an lagh chan eil ann; aig a fàidhean fòs chan eil sealladh air bith on Tighearna.


Oir fanaidh clann Israeil mòran làithean gun rìgh, agus gun phrionnsa, agus gun ìobairt, agus gun ìomhaigh, agus gun èphod, agus gun teraphim.


Agus a‑chum gun teagaisg sibh do chloinn Israeil na h‑òrdaighean uile a labhair an Tighearna riu le làimh Mhaois.


Agus labhair an Tighearna ri Aaron, ag ràdh,


Feuch tha na làithean a’ teachd, tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, anns an cuir mise gort anns an fhearann; chan i gort dìth arain, no tart dìth uisge, ach de dhìth èisdeachd facail an Tighearna.


Tha an ceannardan a’ toirt breith airson duaise, agus an sagartan a’ teagasg airson tuarasdail, agus am fàidhean a’ fàistneachd airson airgid; gidheadh leigidh iad an taice ris an Tighearna, ag ràdh, Nach eil an Tighearna nar meadhon? Cha tig aon olc oirnn.


Oir bu chòir do bhilean an t‑sagairt eòlas a choimhead, agus bu chòir an reachd iarraidh as a bheul: oir is esan teachdaire Tighearna nan sluagh.


Agus is i seo a’ bheatha mhaireannach, eòlas a bhith aca ortsa, an t‑aon Dia fìor, agus air Iosa Crìosd a chuir thu uat.


Oir a mheud is a pheacaich gun an lagh, sgriosar iad gun an lagh; agus a mheud is a pheacaich fon lagh, dìtear iad leis an lagh:


Dhaibhsan a tha gun lagh, mar dhuine gun lagh (ged nach eil mi gun lagh do Dhia, ach fo lagh do Chrìosd), a‑chum gun cosnainn iadsan a tha gun lagh.


Teagaisgidh iad do bhreitheanais do Iàcob, agus do lagh do Israel: cuiridh iad tùis fad chomhair, agus làn ìobairt‐loisgte air d’altair.


Oir tha iad fhèin a’ foillseachadh mar timcheall‐ne ciod a’ ghnè dol a‑steach a bha againn dur n‑ionnsaigh‐se, agus cionnas a thill sibh a‑chum Dhè o iodhalan, a dhèanamh seirbhis don Dia bheò agus fhìor,


Uime sin is còir do easbaig a bhith neo‐lochdach, na fhear aon mhnà, faireil, ciallach, deagh‐bheusach, fialaidh, ealamh gu teagasg;


Agus tha fhios againn gun tàinig Mac Dhè, agus gun tug e tuigse dhuinn, a‑chum gum biodh aithne againn airsan a tha fìor: agus tha sinne annsan a tha fìor, na Mhac Iosa Crìosd. Is e seo an Dia fìor, agus a’ bheatha mhaireannach.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan