2 Eachdraidh 12:7 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19927 Agus nuair a chunnaic an Tighearna gun d’irioslaich iad iad fhèin, thàinig facal an Tighearna gu Semaiah, ag ràdh, Dh’irioslaich iad iad fhèin; cha sgrios mi iad, ach bheir mi dhaibh càil‐eigin de shaorsa; agus cha taomar mo chorraich a‑mach air Ierusalem le làimh Shisaic. Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 19927 Agus nuair a chunnaic an Tighearna gun d’irioslaich iad iad fhèin, thàinig facal an Tighearna gu Semaiah, ag ràdh, Dh’irioslaich iad iad fhèin; cha sgrios mi iad, ach bheir mi dhaibh càil-eigin de shaorsa; agus cha taomar mo chorraich a‑mach air Ierusalem le làimh Shisaic. Faic an caibideil |
Rachaibh, fiosraichibh den Tighearna air mo shon‐sa, agus air an son‐san a dh’fhàgadh ann an Israel agus ann an Iùdah, a‑thaobh briathran an leabhair a fhuaireadh: oir is mòr fearg an Tighearna, a tha air a taomadh a‑mach oirnn, a chionn nach do choimhead ar n‑athraichean facal an Tighearna, a dhèanamh a rèir gach nì a tha sgrìobhte anns an leabhar seo.
A chionn gun do thiomaich do chridhe, agus gun d’irioslaich thu thu fhèin an làthair Dhè, nuair a chuala tu a bhriathran an aghaidh an àite seo, agus an aghaidh a luchd‐àiteachaidh, agus gun d’irioslaich thu thu fhèin am làthair‐sa, agus gun do reub thu d’aodach, agus gun do ghuil thu am làthair, chuala mise mar an ceudna thusa, arsa an Tighearna.