2 Eachdraidh 12:5 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19925 An sin thàinig Semaiah am fàidh gu Rehobòam, agus gu uachdarain Iùdah, a bha air cruinneachadh gu Ierusalem air eagal Shisaic, agus thubhairt e riu, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Dh’fhàg sibhse mise, agus air an adhbhar sin dh’fhàg mise sibhse ann an làimh Shisaic. Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 19925 An sin thàinig Semaiah am fàidh gu Rehobòam, agus gu uachdarain Iùdah, a bha air cruinneachadh gu Ierusalem air eagal Shisaic, agus thubhairt e riu, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Dh’fhàg sibhse mise, agus air an adhbhar sin dh’fhàg mise sibhse ann an làimh Shisaic. Faic an caibideil |
Agus thusa, a Sholaimh, a mhic, biodh aithne agad air Dia d’athar, agus dèan seirbhis dha le cridhe iomlan, agus le inntinn thoilich: oir tha an Tighearna a’ rannsachadh nan uile chridheachan, agus a’ tuigsinn uile dhealbhadh nan smuain: ma dh’iarras tusa esan, gheibhear e leat; ach ma thrèigeas tu e, tilgidh e uaithe thu gu bràth.
Agus thàinig spiorad an Tighearna air Sechariah mac Iehoiada an sagart, agus sheas e os cionn an t‑sluaigh, agus thubhairt e riu, Mar seo tha Dia ag ràdh, Carson a tha sibh a’ briseadh àitheantan an Tighearna? Uime sin cha soirbhich leibh. A chionn gun do thrèig sibhse an Tighearna, trèigidh esan sibhse.