Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 12:4 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

4 Agus ghlac e na bailtean daingnichte a bhuineadh do Iùdah, agus thàinig e gu Ierusalem.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

4 Agus ghlac e na bailtean daingnichte a bhuineadh do Iùdah, agus thàinig e gu Ierusalem.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 12:4
7 Iomraidhean Croise  

Agus chuir rìgh Asiria Tartan, agus Rabsaris, agus Rab‐saceh, o Lachis gu rìgh Heseciah le sluagh mòr an aghaidh Ierusaleim: agus air teachd a‑nìos dhaibh, thàinig iad agus sheas iad aig sruth‐chlais na linne as àirde, a tha air slighe achadh an luadhadair.


Mar a rinn mi ri Samaria agus ra h‑iodhalan, nach dèan mi mar an ceudna ri Ierusalem, agus ra dealbhan‐sa?


Agus thàrladh ann an ceathramh‐bliadhna‑deug rìgh Heseciah gun tàinig Senacherib rìgh Asiria a‑nìos an aghaidh uile bhailtean daingnichte Iùdah, agus ghlac e iad.


Agus gabhaidh e roimhe air feadh Iùdah, a’ ruith thairis agus a’ sgaoileadh; eadhon gus am muineal ruigidh e; agus lìonaidh sgaoileadh a sgiathan leud do thìre‐sa, O Imanueil.


Rachaibh‐se suas air a ballachan, agus sgriosaibh; ach na dèanaibh crìoch iomlan: thugaibh air falbh a daingnichean, oir cha bhuin iad don Tighearna.


(A‑nis b’i an leth a bhuineadh don cho‐chruinneachadh, trì cheud mìle agus seachd‐mìle‐deug ar fhichead agus còig ceud caora,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan