Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 12:13 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

13 Agus dhaingnich rìgh Rehobòam e fhèin ann an Ierusalem, agus rìghich e. A‑nis bha Rehobòam aon agus dà‑fhichead bliadhna a dh’aois nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e seachd‐bliadhna‑deug ann an Ierusalem, am baile a thagh an Tighearna a‑mach à uile threubhan Israeil a chur a ainme an sin: agus b’e ainm a mhàthar Nàamah, Ban‐Amonach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

13 Agus dhaingnich rìgh Rehobòam e fhèin ann an Ierusalem, agus rìghich e. A‑nis bha Rehobòam aon agus dà‑fhichead bliadhna a dh’aois nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e seachd-bliadhna-deug ann an Ierusalem, am baile a thagh an Tighearna a‑mach à uile threubhan Israeil a chur a ainme an sin: agus b’e ainm a mhàthar Nàamah, Ban-Amonach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 12:13
16 Iomraidhean Croise  

Agus bha gaol aig rìgh Solamh air mòran de mhnathan coimheach, a thuilleadh air nighean Phàraoh, ban‐Mhòabaich, ban‐Amonaich, ban‐Edomaich, ban‐Shidonaich, agus ban‐Hitich;


Agus da mhac‐san bheir mi aon treubh, a‑chum gum bi lòchran aig Daibhidh m’òglach an còmhnaidh am fhianais ann an Ierusalem, am baile a thagh mi dhomh fhèin a chur m’ainme an sin.


Agus rìghich Rehobòam mac Sholaimh ann an Iùdah. Bha Rehobòam bliadhna agus dà‑fhichead a dh’aois nuair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìghich e seachd‐bliadhna‑deug ann an Ierusalem, am baile a thagh an Tighearna à uile threubhan Israeil, a chur a ainme an sin: agus b’e ainm a mhàthar Nàamah, ban‐Amonach.


Agus nuair a dhaingnicheadh rìoghachd Rehobòaim, agus a dh’fhàs e cumhachdach, thrèig e lagh an Tighearna, agus Israel uile maille ris.


Agus chruinnich da ionnsaigh daoine faoine, mic Bheliail, agus neartaich iad iad fhèin an aghaidh Rehobòaim mhic Sholaimh, nuair a bha Rehobòam òg agus tais‐chridheach, agus nach b’urrainn e cur nan aghaidh.


On là air an tug mi mo shluagh a‑mach à tìr na h‑Eiphit, cha do thagh mi baile sam bith à uile threubhan Israeil a thogail taighe, a‑chum gum biodh m’ainm an sin, agus cha do thagh mi duine sam bith gu bhith na uachdaran os cionn mo shluaigh Israel.


Ach a‑nis thagh mi Ierusalem, a‑chum gum biodh m’ainm an sin; agus thagh mi Daibhidh gu bhith os cionn mo shluaigh Israel.


Air an là sin leughadh ann an leabhar Mhaois ann an èisdeachd an t‑sluaigh, agus fhuaireadh sgrìobhte ann nach tigeadh an t‑Amonach agus am Mòabach a‑steach do choitheanal Dhè gu bràth;


Leis na nithean sin nach do pheacaich Solamh rìgh Israeil? Gidheadh am measg mòran chinneach cha robh rìgh ann cosmhail ris, a bha air a ghràdhachadh le a Dhia, agus a rinn Dia na rìgh air Israel uile: ach thug mnathan coimheach airsan fhèin peacachadh.


Altair de thalamh nì thu dhòmhsa, agus ìobraidh tu oirre do thabhartasan‐loisgte, agus do thabhartasan‐sìthe, do chaoraich, agus do dhaimh: anns gach àit anns an toir mise fa‑near gun cuimhnichear m’ainm, thig mi ad ionnsaigh, agus beannaichidh mi thu.


Bha e mun cuairt ochd‐mìle‐deug tomhas: agus bidh mar ainm air a’ chathair on là sin, Tha an Tighearna an sin.


An sin bidh àit ann a thaghas an Tighearna ur Dia, a thoirt air a ainm còmhnaidh a ghabhail ann: gu sin bheir sibh na h‑uile nithean a tha mise ag àithneadh dhuibh; ur tabhartasan‐loisgte, agus ur n‑ìobairtean, ur deicheamh, agus tabhartasan‐togte ur làimhe, agus taghadh ur bòidean uile a bhòidicheas sibh don Tighearna.


Ach a dh’ionnsaigh an àit a roghnaicheas an Tighearna ur Dia as ur treubhan uile, a‑chum a ainm a chur an sin, eadhon a dh’ionnsaigh a àite‐còmhnaidh‐san iarraidh sibh, agus gu sin thig thu.


Cha tèid Amonach no Mòabach a‑steach do cho‐chruinneachadh an Tighearna; eadhon gus an deicheamh ginealach cha tèid iad a‑steach do cho‐chruinneachadh an Tighearna a‑chaoidh;


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan