Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 10:8 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Ach thrèig esan comhairle nan seann daoine, a thug iad air; agus chuir e a chomhairle ris na daoine òga a dh’fhàs suas maille ris fhèin agus a sheas na làthair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Ach thrèig esan comhairle nan seann daoine, a thug iad air; agus chuir e a chomhairle ris na daoine òga a dh’fhàs suas maille ris fhèin agus a sheas na làthair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 10:8
12 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Absalom agus fir Israeil uile, Is fheàrr comhairle Husai an t‑Arcach na comhairle Ahitopheil: oir dh’òrdaich an Tighearna comhairle mhath Ahitopheil a thoirt gu neoni, a‑chum gun tugadh an Tighearna olc air Absalom.


Agus thubhairt e riu, Ciod a tha sibhse a’ comhairleachadh, a‑chum is gun toir sinn freagradh don t‑sluagh seo, a labhair rium, ag ràdh, Aotromaich a’ chuing a chuir d’athair oirnn?


Ach gun do chuir sibh an neo‐bhrìgh m’uile chomhairle, agus nach b’àill leibh a’ bheag dem achmhasan;


An tì a shiùbhlas le daoine glice, bidh e glic; ach sgriosar companach nan amadan.


Eisd ri comhairle, agus gabh fòghlam, a‑chum gum bi thu glic ann ad làithean deireannach.


Mar chluas‐fhàinne òir, agus mar usgair den òr fhìorghlan, tha fear‐cronachaidh glic aig cluais fhurachair.


Na trèig do charaid fhèin, no caraid d’athar, agus na rach a‑steach do thaigh do bhràthar ann an là d’àmhghair: is fheàrr coimhearsnach am fagas na bràthair fad as.


Thoir teagasg don duine ghlic, agus bidh e nas glice: teagaisg an duine cothromach, agus meudaichidh e ann am fòghlam.


Mo thruaighe thu, a thìr, nuair as leanabh as rìgh dhut, agus a dh’itheas d’uachdarain biadh anns a’ mhadainn!


Is truagh don chloinn cheannaircich, deir an Tighearna, a tha a’ dealbh chomhairlean, ach chan ann uamsa; a tha a’ còmhdach le brat‐falaich, ach chan ann lem spiorad‐sa; a‑chum gun cuir iad peacadh ri peacadh:


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan