Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 1:15 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

15 Agus thug an rìgh air airgead agus air òr a bhith ann an Ierusalem mar na clachan, agus air na croinn seudair thug e a bhith mar na croinn shicomoir a tha anns an t‑srath, air lìonmhorachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

15 Agus thug an rìgh air airgead agus air òr a bhith ann an Ierusalem mar na clachan, agus air na croinn seudair thug e a bhith mar na croinn shicomoir a tha anns an t‑srath, air lìonmhorachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 1:15
10 Iomraidhean Croise  

Agus os cionn nan craobh‐ola agus nan craobh sicomoir a bha anns na còmhnardan ìosal, bha Bàal‐hanan an Gedereach: agus os cionn nan taisgeachan ola bha Iòas.


Tha gliocas agus eòlas air an tabhairt dhut, agus bheir mise dhut beartas, agus maoin, agus cliù, air chor is nach robh a leithid aig na rìghrean a bha romhad, agus ad dhèidh nach bi a lethid.


Agus thug an rìgh air airgead a bhith ann an Ierusalem mar chlachan, agus air na croinn sheudair thug e a bhith mar na croinn shicomoir, a tha anns an t‑srath, air lìonmhorachd.


Agus an àite umha, bheir mi òr; agus an àite iarainn, bheir mi airgead; agus an àite fiodha, umha; agus an àite chlach, iarann; agus nì mi do mhaoir nan sìth, agus do chìs‐mhaoir nan ceartas.


Tha na clachan creadha air tuiteam, ach togaidh sinn le clachan snaidhte; tha na craobhan sicamoir air an gearradh sìos, ach cuiridh sinn craobhan seudair nan àite.


An sin fhreagair Amos, agus thubhairt e ri Amasiah, Cha b’fhàidh mise, cha mhò a bu mhac fàidh mi; ach bu bhuachaille sprèidhe mi, agus fear‐tionail meas sicamoir:


Agus ruith e roimhe, agus streap e suas ann an craoibh shicamoir, a‑chum gum faiceadh e e; oir bha e gus an t‑slighe sin a ghabhail.


Cha mhò a chuireas e mnathan an lìonmhorachd dha fhèin, a‑chum nach claon a chridhe air falbh; cha mhò a mheudaicheas e gu mòr dha fhèin airgead agus òr.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan