Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




1 Samuel 1:5 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 Ach do Hanah thug e cuibhreann dhùbailte; oir ghràdhaich e Hanah; ach dhruid an Tighearna a brù.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 Ach do Hanah thug e cuibhreann dhùbailte; oir ghràdhaich e Hanah; ach dhruid an Tighearna a brù.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




1 Samuel 1:5
9 Iomraidhean Croise  

Ach bha Sàrai neo‐thorrach; cha robh duine cloinne aice.


A‑nis cha do rug Sàrai bean Abraim clann dha: agus bha banoglach Èiphiteach aice, dom b’ainm Hàgar.


Oir dhruid an Tighearna suas gach bolg ann an teaghlach Abimeleich, airson Shàrah bean Abrahàim.


Agus nuair a chunnaic Rachel nach do rug i clann do Iàcob, bha farmad aig Rachel ra piuthar, agus thubhairt i ri Iàcob, Thoir dhomh clann, no gheibh mi bàs.


Agus las corraich Iàcoib ri Rachel, agus thubhairt e, A bheil mise an àite Dhè, a chùm uat toradh na bronn?


Agus ghabh esan, agus chuir e cuibhreannan o a làthair fhèin dan ionnsaigh: ach rinn e cuibhreann Bheniàmin còig uairean na bu mhò na cuid aoin acasan. Agus dh’òl iad, agus bha iad subhach maille ris.


Thug e dhaibh uile, do gach aon dhiubh fa leth, culaidhean aodaich; ach do Bheniàmin thug e trì cheud bonn airgid, agus còig culaidhean aodaich.


Ma bhios aig duine dà mhnaoi, aon dhiubh gràdhaichte agus an aon eile fuathaichte, agus ma rug iad clann dha, araon a’ bhean ghràdhaichte agus a’ bhean fhuathaichte; agus mas leis a’ mhnaoi fhuathaichte an ciad‐ghin mic,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan