Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




1 Samuel 1:16 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

16 Na meas do bhanoglach mar nighean do Bhelial: oir is ann à ro‑mheud mo ghearain agus mo dhoilgheis a labhair mi gus a‑nis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

16 Na meas do bhanoglach mar nighean do Bhelial: oir is ann à ro‑mheud mo ghearain agus mo dhoilgheis a labhair mi gus a‑nis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




1 Samuel 1:16
11 Iomraidhean Croise  

Thoir aire dhomh, agus èisd rium; tha mi àrd ann am ghearan, agus ri bùireadh,


Chaidh daoine àraidh, clann Bheliail, a‑mach as ur measg, agus bhuair iad luchd‐àiteachaidh am baile, ag ràdh, Rachamaid agus dèanamaid seirbhis do dhiathan eile, nach b’aithne dhuibh;


An sin fiosraichidh tu, agus rannsaichidh tu, agus feòraichidh tu gu dùrachdach; agus, feuch, mas fìrinn e, agus gu bheil a’ chùis dearbhte, gun do rinneadh a’ ghràinealachd sin nur measg;


Agus fhreagair Hanah agus thubhairt i, Chan eadh, mo thighearna; is bean mise a tha tùirseach am spiorad; aon chuid fìon no deoch làidir cha d’òl mi, ach dhòirt mi a‑mach m’anam an làthair an Tighearna.


An sin fhreagair Eli agus thubhairt e, Imich ann an sìth: agus gun tugadh Dia Israeil dhut d’iarrtas a dh’iarr thu air.


Ach thubhairt mic Bheliail, Cionnas a shaoras am fear seo sinn? Agus rinn iad dìmeas air, agus cha tug iad tìodhlac sam bith da ionnsaigh: ach dh’fhan esan na thosd.


A‑nis bu mhic do Bhelial mic Eli; cha b’aithne dhaibh an Tighearna.


Na tugadh mo thighearna, guidheam ort, fa‑near an duine seo le Belial, eadhon Nàbel; oir a rèir a ainme, mar sin tha e: is e Nàbel a ainm, agus tha amaideachd maille ris: ach chan fhaca mise, do bhanoglach, òganaich mo thighearna, a chuir thu uat.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan