Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




1 Samuel 1:10 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

10 Agus bha i air a cràdh na h‑anam, agus rinn i ùrnaigh ris an Tighearna, agus ghuil i gu goirt.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

10 Agus bha i air a cràdh na h‑anam, agus rinn i ùrnaigh ris an Tighearna, agus ghuil i gu goirt.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




1 Samuel 1:10
22 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chunnaic Rachel nach do rug i clann do Iàcob, bha farmad aig Rachel ra piuthar, agus thubhairt i ri Iàcob, Thoir dhomh clann, no gheibh mi bàs.


Agus thàinig iad gu ùrlar‐bualaidh Ataid, a tha an taobh thall de Iòrdan; agus rinn iad bròn an sin le caoidh mhòir agus ro‑chràitich: agus rinn e bròn airson a athar seachd làithean.


Agus cho luath is a sguir e de labhairt, feuch, thàinig mic an rìgh, agus thog iad suas an guth agus ghuil iad: agus ghuil mar an ceudna an rìgh, agus a sheirbhisich uile, le gul ro‑mhòr.


Oir, arsa Husai, is aithne dhut d’athair agus a dhaoine, gur daoine treuna iad agus tha iad air am feargachadh nan spiorad, mar mhath‐ghamhainn on tugadh a cuileanan anns a’ mhachair: agus is fear‐cogaidh d’athair, agus cha ghabh e tàmh maille ris an t‑sluagh.


Guidheam ort, O Thighearna, cuimhnich a‑nis cionnas a ghluais mi ad làthair ann am fìrinn, agus le cridhe iomlan, agus a rinn mi an nì a tha math ad shùilean. Agus ghuil Heseciah gu goirt.


Tha m’anam sgìth dem bheatha; fàgaidh mi mo ghearan orm fhèin; labhraidh mi ann an seirbhe m’anama.


Uime sin cha chùm mi mo bheul; labhraidh mi ann an teanntachd mo spioraid; gearainidh mi ann an seirbhe m’anama.


Cha leig e leam m’anail a tharraing, ach lìonaidh e mi le seirbhe.


Agus gairm orm ann an là teanntachd; saoraidh mise thu, agus bheir thusa glòir dhòmhsa.


Gairmidh e orm, agus èisdidh mi ris; bidh mi maille ris ann an teinn; teasairgidh mi e, agus bheir mi urram dha.


Is aithne do chridhe duine searbhas a anama; agus na aoibhneas cha bhi co‑roinn aig coigreach.


Ciod a their mi? Labhair e rium, agus fòs choilean e. Gluaisidh mi gu fòil uile bhliadhnachan mo bheatha airson àmhghar m’anama.


Oir mar mhnaoi air a trèigsinn, agus fo àmhghar na spiorad, ghairm an Tighearna thu, agus mar mhnaoi a phòsadh na h‑òige, a chionn gun do chuireadh air falbh thu, deir an Tighearna.


Ach mura èisd sibh ris, guilidh m’anam ann an ionadan uaigneach airson ur n‑uabhair, agus guilidh mo shùil gu goirt, agus silidh mo dheòir gu pailt, a chionn gun toirear ann am bruid treud an Tighearna.


Na guilibh airson a’ mhairbh, cha mhò a nì sibh caoidh air a shon: guilibh gu goirt air a shon‐san a dh’imich air falbh: oir cha till e nas mò, agus chan fhaic e tuilleadh tìr a dhùthchais.


Lìon e mi le searbhadas, chuir e air mhisg mi le searbh‐luibhean.


Agus air dha a bhith ann an cruaidh‐ghleac anama, rinn e ùrnaigh na bu dùrachdaiche: agus bha a fhallas mar bhraonan mòra fala a’ tuiteam sìos air an talamh.


Neach ann an làithean a fheòla, an dèidh dha ùrnaighean agus athchuingean, maille ri àrd‐èighich agus deòir, ìobradh suas don tì a bha comasach air a shaoradh on bhàs, agus ris an d’èisdeadh a‑thaobh an nì ron robh eagal air.


Agus thàinig an sluagh gu taigh Dhè, agus dh’fhan iad an sin gu feasgar am fianais Dhè, agus thog iad suas an guth, agus ghuil iad gu goirt;


Agus thubhairt ise riu, Na abraibh Naòmi rium: abraibh Màra rium; oir bhuin an t‑Uile‐chumhachdach gu ro‑gheur rium.


Agus bhòidich i bòid, agus thubhairt i, O Thighearna nan sluagh, ma dh’amhairceas tu da‑rìribh air àmhghar do bhanoglaich, agus gun cuimhnich thu orm, agus nach dìochuimhnich thu do bhanoglach, ach gun toir thu dod bhanoglaich leanabh gille, an sin bheir mi e don Tighearna rè uile làithean a bheatha, agus cha tèid ealtainn air a cheann.


Agus dh’èirich Hanah suas an dèidh dhaibh ithe ann an Siloh, agus an dèidh dhaibh òl: (a‑nis bha Eli an sagart na shuidhe air cathair làimh ri ursainn ann an teampall an Tighearna:)


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan