Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




1 Eachdraidh 21:3 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Agus fhreagair Ioab, Gun dèanadh an Tighearna a shluagh fhèin ceud uair nas lìonmhoire na tha iad. Ach, mo thighearna a rìgh, nach iad seirbhisich mo thighearna iad uile? Carson mas eadh a tha mo thighearna ag iarraidh an nì seo? Carson a bhios e na adhbhar cionta do Israel?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Agus fhreagair Ioab, Gun dèanadh an Tighearna a shluagh fhèin ceud uair nas lìonmhoire na tha iad. Ach, mo thighearna a rìgh, nach iad seirbhisich mo thighearna iad uile? Carson mas eadh a tha mo thighearna ag iarraidh an nì seo? Carson a bhios e na adhbhar cionta do Israel?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




1 Eachdraidh 21:3
15 Iomraidhean Croise  

An sin ghairm Abimelech air Abrahàm, agus thubhairt e ris, Ciod e seo a rinn thu oirnn? Agus ciod an eucoir a rinn mise ort, gun tug thu ormsa agus air mo rìoghachd peacadh mòr? Rinn thu gnìomharan ormsa nach bu chòir a dhèanamh.


Agus bheir e thairis Israel, airson peacaidhean Ierobòaim, a pheacaich, agus a thug air Israel peacachadh.


An sin ghairm rìgh Iehoas air Iehoiada an sagart, agus air na sagartan eile, agus thubhairt e riu, Carson nach eil sibh a’ càradh briseadh an taighe? A‑nis, matà, na gabhaibh airgead tuilleadh o luchd ur n‑eòlais, ach thugaibh airson briseadh an taighe e.


Bi misneachail, agus bitheamaid gaisgeil airson ar sluaigh, agus airson bailtean ar Dè: agus dèanadh an Tighearna an nì a tha math na shùilean.


Gidheadh, bhuadhaich facal an rìgh an aghaidh Ioaib: uime sin dh’imich Ioab, agus chaidh e air feadh Israeil uile, agus thàinig e gu Ierusalem.


Cuiridh an Tighearna sibh ann an lìonmhorachd, sibh fhèin agus ur clann.


Nuair a ghabhas tu cunntas chloinn Israeil a rèir an àireimh, an sin bheir gach duine dhiubh èirig airson a anama don Tighearna, nuair a dh’àirmheas tu iad; a‑chum nach bi plàigh nam measg, nuair a dh’àirmheas tu iad.


Agus thubhairt Maois ri Aaron, Ciod a rinn an sluagh seo ort, gun tug thu peacadh cho mòr orra?


Ann an lìonmhorachd sluaigh tha urram an rìgh; ach ann an dìth sluaigh tha milleadh an uachdarain.


Mheudaich thu an cinneach, O Thighearna; mheudaich thu an cinneach; tha thu air do ghlòrachadh; sgaoil thu e a‑mach eadhon gu uile iomallan na talmhainn.


Agus bhiodh do shìol mar a’ ghaineamh, agus sliochd do chuim mar a meanbh‐chlachan; cha bhiodh d’ainm air a ghearradh as, no air a sgrios as mo làthair.


(Gun dèanadh an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, sibh mìle uair nas lìonmhoire na tha sibh, agus gum beannaicheadh e sibh, mar a gheall e dhuibh!)


Agus thàinig iad gu cloinn Reubein, agus gu cloinn Ghad, agus gu leth‐threubh Mhanaseh, gu tìr Ghilead, agus labhair iad riu, ag ràdh,


Na dèanaibh mar seo, mo mhic: oir cha sgeul math a tha mi a’ cluinntinn, gu bheil sibh a’ toirt air sluagh an Tighearna dol air seachran.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan