Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




1 Eachdraidh 17:3 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Agus air an oidhche sin fhèin thàinig facal Dhè gu Nàtan, ag ràdh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Agus air an oidhche sin fhèin thàinig facal Dhè gu Nàtan, ag ràdh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




1 Eachdraidh 17:3
7 Iomraidhean Croise  

On là air an tug mi mo shluagh Israel a‑mach as an Eiphit, cha do thagh mi baile sam bith à uile threubhan Israel a thogail taighe, a‑chum gum biodh m’ainm an sin: ach thagh mi Daibhidh gu bhith os cionn mo shluaigh Israel.


Agus thubhairt Nàtan ri Daibhidh, Dèan gach nì a tha ann ad chridhe; oir tha Dia leat.


Falbh agus innis dom òglach Daibhidh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Cha tog thusa taigh dhòmhsa gu còmhnaidh a ghabhail ann:


Agus cluinnidh do chluasan facal od chùlaibh, ag ràdh, Seo an t‑slighe, gluaisibh innte, nuair a thionndaidheas sibh a‑chum na làimhe deise, no a‑chum na làimhe clìthe.


Gu deimhinn cha dèan an Tighearna Iehòbhah aon nì, gun a rùn‐diamhair fhoillseachadh da sheirbhisich na fàidhean.


Agus thubhairt e, Eisdibh a‑nis rim bhriathran‐sa: Ma tha fàidh nur measg, nì mise an Tighearna mi fhèin aithnichte dha ann an taisbeanadh, agus labhraidh mi ris ann am bruadar.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan