Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




1 Eachdraidh 10:2 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Agus lean na Philistich gu teann an dèidh Shauil, agus an dèidh a chuid mhac; agus bhuail na Philistich Ionatan, agus Abinadab, agus Malchisua, mic Shauil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Agus lean na Philistich gu teann an dèidh Shauil, agus an dèidh a chuid mhac; agus bhuail na Philistich Ionatan, agus Abinadab, agus Malchisua, mic Shauil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




1 Eachdraidh 10:2
11 Iomraidhean Croise  

Na làithean‐san chaidh Phàraoh‐necho rìgh na h‑Eiphit suas an aghaidh rìgh Asiria gu abhainn Euphràtes: agus chaidh rìgh Iosiah na aghaidh, agus mharbh esan e aig Megido nuair a chunnaic e e.


Agus mharbh e mic Shedeciah fa chomhair a shùl, agus chuir e a shùilean à Sedeciah, agus cheangail e e le geimhlean umha, agus thug e leis e do Bhàbilon.


Agus dh’fhàs an cath cruaidh an aghaidh Shauil, agus chuimsich na fir‐bhogha e, agus lotadh e leis na fir‐bhogha.


Agus ghin Ner Cis, agus ghin Cis Saul, agus ghin Saul Ionatan, agus Malchi‐sua, agus Abinadab, agus Esbàal.


Agus ghin Ner Cis, agus ghin Cis Saul, agus ghin Saul Ionatan, agus Malchi‐sua, agus Abinadab, agus Esbàal.


Na crom thu fhèin sìos dhaibh, agus na dèan seirbhis dhaibh: oir mise an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuathaicheas mi;


A‑nis b’iad mic Shauil Ionatan, agus Isui, agus Melchi‐sua: agus b’iad seo ainmean a dhithis nighean; ainm na ciad‐ghin Merab, agus ainm na h‑ighinn a b’òige Michal.


Agus thubhairt Ionatan ris an òganach a dh’iomchair a airm, Thig, agus rachamaid thairis a dh’ionnsaigh freiceadan nan daoine neo‐thimcheall‐gheàrrte ud: theagamh gun obraich an Tighearna air ar son; oir chan eil bacadh air an Tighearna saoradh le mòran no le beagan.


Agus lean na Philistich Saul agus a mhic gu teann; agus bhuail na Philistich Ionatan, agus Abinadab, agus Malchisua, mic Shauil.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan