Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




1 Eachdraidh 1:17 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

17 Mic Sheim: Elam, agus Asur, agus Arphacsad, agus Lud, agus Aram; agus mic Araim, Us, agus Hul, agus Geter, agus Mesech.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

17 Mic Sheim: Elam, agus Asur, agus Arphacsad, agus Lud, agus Aram; agus mic Araim, Us, agus Hul, agus Geter, agus Mesech.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




1 Eachdraidh 1:17
22 Iomraidhean Croise  

Agus do Shem fhèin mar an ceudna, athair chloinn Ebair uile, bràthair Iapheit a bu shine, rugadh clann.


Is iad seo ginealaichean Sheim: Bha Sem ceud bliadhna a dh’aois, agus ghin e Arphacsad dà bhliadhna an dèidh na dìle:


Agus thàrladh ann an làithean Amrapheil rìgh Shinair, Arioich rìgh Elasair, Chedorlaòmeir rìgh Elaim, agus Thidail rìgh nan cinneach;


Agus an t‑Arbhadach, agus an Semarach, agus an Hamatach.


Agus ghin Arphacsad Selah, agus ghin Selah Eber.


Agus thàinig iad gu Serubabel, agus gu cinn nan athraichean, agus thubhairt iad riu, Togaidh sinne maille ribh; oir tha sinne ag iarraidh ur Dè‑se mar sibh fhèin, agus dhàsan tha sinn ag ìobradh o làithean Esar‐hadoin rìgh Asiria, a thug a‑nìos an seo sinn.


Mar an ceudna dhlùth‐lean Asur riu; bu chòmhnadh iad do chloinn Lot. Selah.


Agus tàrlaidh anns an là sin, gun cuir an Tighearna a‑mach a làmh a‑rìs an dara uair, a thoirt air ais fuidheall a shluaigh, a dh’fhàgar dhiubh, o Asiria, agus on Eiphit, agus o Phatros, agus o Chus, agus o Elam, agus o Shinar, agus o Hamat, agus o innsean na fairge.


Dh’fhoillsicheadh sealladh eagalach dhomh; tha an cealgair a’ caitheamh foill, agus tha am fear‐creachaidh a’ creachadh. Rach suas, O Elaim; teannaich, O Mhedia; chuir mise crìoch air a h‑uile osnaich.


Agus tha Elam a’ giùlan a’ bhuilg‐shaighead, le carbad de dhaoine agus le marc‐shluagh; agus tha Cir a’ rùsgadh na sgèithe.


Agus cuiridh mi comharradh nam measg; agus a’ mhuinntir a thèid as dhiubh cuiridh mi a dh’ionnsaigh nan cinneach, gu Tarsis, Pul, agus Lud, a thàirngeas am bogha; gu Tubal agus Iabhan, na crìochan fad as; nach cuala iomradh orm, agus nach faca riamh mo ghlòir; agus cuiridh iad an cèill mo ghlòir am measg nan cinneach.


Agus do uile rìghrean Shimri, agus do uile rìghrean Elaim, agus do uile rìghrean Mhedia;


B’iad muinntir Phersia, agus Luid, agus Phuit, d’fhir‐chogaidh ann ad fheachd: chroch iad suas an sgiath agus a’ cheann‐bheairt annad; chuir iad an cèill do mhaise.


B’iad Haran agus Canneh, agus Eden, ceannaichean Shèba, Asuir, agus Chìlmaid, do cheannaichean‐sa.


Tha Asur an sin agus a chuideachd uile: tha a uaighean‐san ma thimcheall: tha iad uile marbh, air tuiteam leis a’ chlaidheamh.


An sin tha Elam agus a shluagh uile mu thimcheall a uaighe, iad uile air am marbhadh, air tuiteam leis a’ chlaidheamh; chaidh iadsan sìos neo‐thimcheall‐gheàrrte gu ionadan ìochdarach na talmhainn, a dhùisg uamhas ann an tìr nam beò; gidheadh ghiùlain iad an nàire leòsan a chaidh sìos don t‑sloc.


Agus chunnaic mi ann an aisling (agus thàrladh nuair a chunnaic mi, gu robh mi ann an Susan, an lùchairt, a tha ann am mòr‐roinn Elaim), agus chunnaic mi ann an aisling, agus bha mi aig abhainn Ulai.


Cha dèan Asur ar tèarnadh; air eich cha dèan sinn marcachd: cha mhò a their sinn tuilleadh ri obair ar làmhan fhèin, Is sibhse ar diathan: oir annadsa gheibh an dìlleachdan tròcair.


Agus thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Thug Balac rìgh Mhòaib mise à Aram, o bheanntan na h‑àird an ear, ag ràdh, Thig, mallaich dhòmhsa Iàcob; agus thig, thoir dùbhlan do Israel.


Mhic Chainain, mhic Arphacsaid, mhic Shem, mhic Noe, mhic Lameich,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan