16 Agus an t‑Arbhadach, agus an Semarach, agus an Hamatach.
Agus an t‑Arbhadach, agus an Semàrach, agus an t‑Hamatach: agus na dhèidh sin sgaoileadh a‑mach teaghlaichean nan Canàanach.
Agus chùm Solamh anns an àm sin fèill, agus Israel uile maille ris, coitheanal mòr, o dhol a‑steach Hamait gu ruig abhainn na h‑Eiphit, am fianais an Tighearna ar Dia, seachd làithean agus seachd làithean, eadhon ceithir‐là‑deug.
Agus an t‑Ibheach, agus an t‑Archach, agus an Sineach,
Mic Sheim: Elam, agus Asur, agus Arphacsad, agus Lud, agus Aram; agus mic Araim, Us, agus Hul, agus Geter, agus Mesech.
B’iad luchd‐àiteachaidh Shìdoin agus Arbhaid do mharaichean: b’iad do dhaoine glice a bha annad, O Thìrus, luchd‐stiùraidh do loingeis.
O shliabh Hor comharraichidh sibh ur crìoch gu dol a‑steach Hamait; agus bidh dol a‑mach na crìche gu Sedad.