Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 1:12 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

12 Agus thionndaidh mi a dh’fhaicinn a ghutha a labhair rium. Agus air tionndadh dhomh, chunnaic mi seachd coinnleirean òir;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

12 Agus thionndaidh mi a dh’fhaicinn a ghutha a labhair rium. Agus air tionndadh dhomh, chunnaic mi seachd coinnleirean òir;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

12 Agus thionndaidh mi gus am faicinn dè an guth a bhruidhinn rium, agus nuair a thionndaidh mi chunnaic mi seachd lampairean òir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

12 Agus thionndaidh mi gus an guth fhaicinn, a bha labhairt rium: ʼs air tionndadh dhomh, chunnaic mi seachd coinnleirean òir;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 1:12
11 Iomraidhean Croise  

Agus nì thu dha seachd lòchrain: agus cuirear suas a lòchrain, a‑chum gun toir iad solas thall fa chomhair.


Agus rinn e a sheachd lòchrain, agus a smàladairean, agus a smàl-shoithichean, de òr fìorghlan.


Tha guth an Tighearna a’ glaodhaich ris a’ bhaile, agus bheir an duine glic fa‑near d’ainm: èisdibh-se an t‑slat, agus an Tì a dh’òrdaich i.


Agus thubhairt e rium, Ciod a tha thu a’ faicinn? Agus thubhairt mise, Dh’amhairc mi, agus, feuch, coinnleir uile de òr, le a chupan air a mhullach, agus a sheachd lòchrain air, agus seachd feadain gus na seachd lòchrain a tha air a mhullach;


Agus ann am meadhon nan seachd coinnleirean, neach cosmhail ri Mac an Duine, air an robh aodach a ràinig sìos gu a shàiltean, agus crioslaichte le crios òir ma chìochan.


Sgrìobh na nithean a chunnaic thu, agus na nithean a tha ann, agus na nithean a bhitheas an dèidh seo:


Rùn-diamhair nan seachd reultan a chunnaic thu ann am làimh dheis, agus nan seachd coinnleirean òir. Is iad na seachd reultan, aingil nan seachd eaglaisean: agus is iad na seachd coinnleirean a chunnaic thu, na seachd eaglaisean.


A‑chum aingeal eaglais Ephesuis, sgrìobh: Is iad seo na nithean a tha an Tì a tha a’ cumail nan seachd reultan na làimh dheis, a tha ag imeachd ann am meadhon nan seachd coinnleirean òir, ag ràdh;


An dèidh seo dh’amhairc mi, agus, feuch, bha doras fosgailte air nèamh; agus bha an ciad ghuth a chuala mi, mar fhuaim trompaid a’ labhairt rium, ag ràdh, Thig a‑nìos an seo, agus nochdaidh mise dhut nithean as èiginn tachairt an dèidh seo.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan