Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Taisbeanadh 1:11 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

11 Ag ràdh, Is mise Alpha agus Omega, an ciad neach agus an neach deireannach: agus sgrìobh-sa ann an leabhar an nì a chì thu, agus cuir e a‑chum nan seachd eaglaisean a tha anns an Asia; a‑chum Ephesuis, agus a‑chum Smirna, agus a‑chum Phergamois, agus a‑chum Thiatìra, agus a‑chum Shardis, agus a‑chum Philadelphia, agus a‑chum Laodicèa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

11 Ag ràdh, Is mise Alpha agus Omega, an ciad neach agus an neach deireannach: agus sgrìobh‐sa ann an leabhar an nì a chì thu, agus cuir e a‑chum nan seachd eaglaisean a tha anns an Asia; a‑chum Ephesuis, agus a‑chum Smirna, agus a‑chum Phergamois, agus a‑chum Thiatìra, agus a‑chum Shardis, agus a‑chum Philadelphia, agus a‑chum Laodicèa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

11 ag ràdh, “Na chì thu, sgrìobh ann an rolla, agus cuir gu na seachd eaglaisean e, gu Ephesus agus gu Smirna agus gu Pergamos agus gu Tiatìra agus gu Sardis agus gu Philadelphia agus gu Laodicèa.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

11 A g-radh: Na tha thu faicinn sgriobh ann an leabhar; agus cuir thun nan seachd eaglaisean, a tha ann an Asia, gu Ephesus, agus gu Smirna, agus gu Pergamus, agus gu Thiatira, agus gu Sardis, agus gu Philadelphia, agus gu Laodicéa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Taisbeanadh 1:11
37 Iomraidhean Croise  

Imich a‑nis, sgrìobh e fan comhair air clàr, agus comharraich e air leabhar; a‑chum gum bi e airson nan aimsirean a thig, airson fianais gu sìorraidh;


Mar seo labhair an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh, Sgrìobh dhut fhèin na h‑uile bhriathran a labhair mise riut, ann an leabhar.


Agus fhreagair an Tighearna mi, ag ràdh, Sgrìobh an fhàistneachd, agus dèan soilleir i air clàran, air chor is gum faod esan ruith a leughas i.


Agus dh’èisd bean àraidh rinn dom b’ainm Lidia, bean-reicidh purpair, o bhaile Thiatìra, a bha a’ dèanamh adhraidh do Dhia; aig an d’fhosgail an Tighearna a cridhe, ionnas gun tug i aire do na nithean a labhradh le Pòl.


Agus thàinig gu Ephesus Iùdhach àraidh dom b’ainm Apollos, a rugadh ann an Alecsandria, duine deas-bhriathrach, agus cumhachdach anns na sgriobtairean.


Agus chuir e fios o Mhiletus gu Ephesus, agus ghairm e da ionnsaigh seanairean na h‑eaglais.


Ma chòmhraig mi mar dhuine ri fiadh-bheathaichean ann an Ephesus, ciod i mo thairbhe, mura èirich na mairbh? Itheamaid agus òlamaid, oir a‑màireach gheibh sinn bàs.


Ach fanaidh mi ann an Ephesus gu Caingis.


Pòl, abstol Iosa Crìosd tre thoil Dhè, a‑chum nan naomh a tha ann an Ephesus, agus nan creidmheach ann an Iosa Crìosd:


A‑nis uime sin sgrìobhaibh-se dhuibh fhèin an laoidh seo, agus teagaisgibh i do chloinn Israeil: cuir i nam beul, a‑chum gum bi an laoidh seo mar fhianais dhòmhsa an aghaidh chloinn Israeil.


Oir b’àill leam fios a bhith agaibh ciod e meud mo chòmhraig air ur son-se, agus airson na dream a tha ann an Laodicèa, agus airson a mheud is nach fhaca m’aghaidh anns an fheòil:


Mar a dh’iarr mi ort fantainn ann an Ephesus, nuair a chaidh mi do Mhacedònia, a‑chum gun tugadh tu òrdagh do dhream àraidh gun atharrachadh teagaisg a thoirt uapa;


Agus nuair a chunnaic mi e, thuit mi sìos aig a chasan an riochd mairbh: agus chuir e a làmh dheas orm, ag ràdh rium, Na biodh eagal ort: is mise an ciad neach agus an neach deireannach.


Sgrìobh na nithean a chunnaic thu, agus na nithean a tha ann, agus na nithean a bhitheas an dèidh seo:


A rinn fianais air facal Dhè, agus air teisteas Iosa Crìosd, agus air gach nì a chunnaic e.


Rùn-diamhair nan seachd reultan a chunnaic thu ann am làimh dheis, agus nan seachd coinnleirean òir. Is iad na seachd reultan, aingil nan seachd eaglaisean: agus is iad na seachd coinnleirean a chunnaic thu, na seachd eaglaisean.


Eòin, a‑chum nan seachd eaglaisean a tha anns an Asia; gràs dhuibh, agus sìth on Tì a tha, agus a bha, agus a tha ri teachd; agus o na seachd spioradan a tha am fianais a rìgh-chathrach-san;


Is mise Alpha agus Omega, an toiseach agus a’ chrìoch, tha an Tighearna ag ràdh, a tha, agus a bha, agus a tha ri teachd, an t‑Uile-chumhachdach.


Agus nuair a labhair na seachd tàirneanaich an guthan fhèin, bha mi a’ dol a sgrìobhadh: agus chuala mi guth o nèamh, ag ràdh rium, Seulaich na nithean a labhair na seachd tàirneanaich, agus na sgrìobh iad.


Agus chuala mi guth o nèamh, ag ràdh rium, Sgrìobh, Is beannaichte na mairbh a gheibh bàs anns an Tighearna, à seo a‑mach: Seadh, tha an Spiorad ag ràdh, a‑chum gum faigh iad fois on saothair; agus leanaidh an obraichean iad.


Agus thubhairt e rium, Sgrìobh, Is beannaichte iadsan a tha air an cuireadh gu suipear-bainnse an Uain. Agus thubhairt e rium, Is iad seo briathran fìrinneach Dhè.


A‑chum aingeal eaglais Ephesuis, sgrìobh: Is iad seo na nithean a tha an Tì a tha a’ cumail nan seachd reultan na làimh dheis, a tha ag imeachd ann am meadhon nan seachd coinnleirean òir, ag ràdh;


Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais a tha ann am Pergamos, sgrìobh: Na nithean seo tha Esan, aig a bheil an claidheamh geur dà fhaobhair, ag ràdh:


Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais a tha ann an Tiatìra, sgrìobh: Na nithean seo tha Mac Dhè, aig a bheil a shùilean mar lasair theine, agus a chasan mar umha fìorghlan, ag ràdh;


Ach ribhse tha mi ag ràdh, agus ris a’ chuid eile ann an Tiatìra, A mheud aig nach eil an teagasg seo, agus do nach b’aithne doimhneachdan Shàtain, mar a their iad, cha chuir mi uallach eile oirbh;


Agus a‑chum aingeal eaglais Smirna, sgrìobh: Na nithean seo tha esan ag ràdh, an Tì as e an ciad neach agus an neach deireannach, a bha marbh, agus a tha beò;


Agus thubhairt an Tì a bha na shuidhe air an rìgh-chathair, Feuch, tha mi a’ dèanamh nan uile nithean nuadh. Agus thubhairt e rium, Sgrìobh, oir tha na briathran seo fìrinneach agus dìleas.


Agus thubhairt e rium, Na seulaich facail fàidheadaireachd an leabhair seo: oir tha an t‑àm am fagas.


Chuir mise Iosa m’aingeal a dhèanamh fianais dhuibhse air na nithean seo anns na h‑eaglaisean. Is mise freumh agus gineal Dhaibhidh, an reul dhealrach agus mhaidne.


Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais a tha ann an Sardis, sgrìobh: Na nithean seo tha an Tì aig a bheil seachd spioradan Dhè, agus na seachd reultan, ag ràdh: Is aithne dhomh d’obraichean, gu bheil ainm agad gu bheil thu beò, gidheadh tha thu marbh.


Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais ann an Laodicèa, sgrìobh; Na nithean seo tha an Amen, an fhianais dhìleas agus fhìrinneach, toiseach cruthachadh Dhè, ag ràdh:


Tha beagan ainmean agad eadhon ann an Sardis, nach do shalaich an aodach; agus imichidh iad maille riumsa ann an culaidhean geala: oir is airidh iad.


Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais ann am Philadelphia, sgrìobh: Na nithean seo tha an Tì naomh ag ràdh, an Tì fìor, an Tì aig a bheil iuchair Dhaibhidh, an Tì a dh’fhosglas, agus cha dùin neach air bith; agus a dhùineas, agus chan fhosgail neach air bith:


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan