Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Philemoin 1:21 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

21 Air dhomh a bhith earbsach as d’ùmhlachd sgrìobh mi ad ionnsaigh, oir tha fhios agam gun dèan thusa mar an ceudna nas mò na tha mi ag ràdh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

21 Air dhomh a bhith earbsach as d’ùmhlachd sgrìobh mi ad ionnsaigh, oir tha fhios agam gun dèan thusa mar an ceudna nas mò na tha mi ag ràdh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

21 Le earbsa nad ùmhlachd, sgrìobh mi thugad agus fios agam gun dèan thu eadhon tuilleadh 's na tha mi ag ràdh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

21 Tha mi làn chinnteach, 's mi a' sgrìobhadh seo, gun dèan thu an rud a tha mi ag iarraidh — gu dearbh, gun dèan thu barrachd air na tha mi ag iarraidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

21 A g-earbsa as tʼ umhailteas sgriobh mi ga dʼ ionnsuidh, le fios cuideachd gun dian thu tuille na tha mi g-radh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Philemoin 1:21
6 Iomraidhean Croise  

Agus tha thu earbsach gur ceann-iùil thu fhèin do na doill, solas dhaibhsan a tha an dorchadas,


Agus sgrìobh mi an nì seo fhèin dur n‑ionnsaigh, a‑chum air dhomh teachd, nach cuirte doilgheas orm leis a’ mhuinntir sin om bu chòir dhomh aoibhneas fhaotainn, air dhomh a bhith muinghinneach asaibh uile, gur e m’aoibhneas ur n‑aoibhneas uile.


Uime sin tha gàirdeachas orm gu bheil muinghinn agam annaibh anns gach nì.


Agus chuir sinn maille riu ar bràthair, a dhearbh sinn gu minig dùrachdach ann am mòran nithean, ach a‑nis nas ro‑dhùrachdaiche, a‑thaobh an ro‑earbsa tha aige asaibh-se.


Tha muinghinn agam asaibh anns an Tighearna, nach bi sibh a dh’aon dòigh air atharrachadh inntinn: ach an tì a tha a’ cur dragha oirbh, giùlainidh e a bhreitheanas, cò air bith e.


Agus tha earbsa againn anns an Tighearna dur taobh, gu bheil sibh araon a’ dèanamh, agus gun dèan sibh, na nithean a tha sinn ag àithneadh dhuibh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan