Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Philemoin 1:13 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

13 Neach a bu mhiann leam a chumail maille rium fhèin, a‑chum gun dèanadh e frithealadh dhomh ann ad àite-sa, ann an gèimhlean an t‑soisgeil:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

13 Neach a bu mhiann leam a chumail maille rium fhèin, a‑chum gun dèanadh e frithealadh dhomh ann ad àite‐sa, ann an gèimhlean an t‑soisgeil:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

13 Bu mhiann leam a chumail còmhla rium fhèin, airson 's gum frithealadh e dhomh nad àite‑sa, ann an sèinichean an t‑soisgeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

13 Bu mhath leam a chumail ann an seo còmhla rium, gus an dèanadh e, nad àite fhèin, mo chuideachadh agus mi nam phrìosanach air sgàth an t‑Soisgeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

13 Bʼ aill leam a chumail maille rium fhein, gu frithealadh dhomh na dʼ aite fhein na mʼ chuibhrichean air son an t-soisgeil:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Philemoin 1:13
8 Iomraidhean Croise  

Tha mi subhach ri teachd Stephanuis, agus Fhortunatuis, agus Achaicuis: oir rinn iad suas an nì sin a bha a dh’uireasbhaidh dur taobh-se.


Air an adhbhar seo, tha mise Pòl, prìosanach Iosa Crìosd air ur son-se, a Chinneacha;


Uime sin, tha mise, prìosanach an Tighearna, a’ guidhe oirbh gun gluais sibh gu cubhaidh don ghairm leis an do ghairmeadh sibh;


Eadhon mar as còir dhomh seo a smaoineachadh umaibh uile, do bhrìgh gu bheil sibh agam ann am chridhe, agus gu bheil sibh uile nur luchd co‑roinn dem ghràs-sa, araon ann am ghèimhlean, agus ann an seasamh airson, agus ann an daingneachadh, an t‑soisgeil.


Do bhrìgh, airson obair Chrìosd, gu robh e dlùth don bhàs, agus nach robh suim aige de a bheatha fhèin, a‑chum gun dèanadh e suas uireasbhaidh ur seirbhis-se dom thaobh-sa.


Pòl, prìosanach Iosa Crìosd, agus Timòteus ar bràthair, a‑chum Philemoin as ionmhainn leinn, agus ar co‑shaothraiche,


Guidheam ort airson mo mhic Onesimus, a ghin mi ann am ghèimhlean:


Neach a chuir mi air ais: uime sin gabh-sa ris mar rim innidh fhèin;


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan