Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Philemoin 1:10 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

10 Guidheam ort airson mo mhic Onesimus, a ghin mi ann am ghèimhlean:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

10 Guidheam ort airson mo mhic Onesimus, a ghin mi ann am ghèimhlean:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

10 Tha mi a' guidhe ort airson mo mhic Onesimus, a chaidh a ghineamhainn dhomh nam phrìosanachadh

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

10 Tha m'iarrtas as leth Onesimuis, a thàinig gu bhith na mhac dhomh fhìn sa chreideamh nuair a bha mi sa phrìosan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

10 Tha mi guidhe ort air son mo mhic Onesimus, a ghineadh dhomh na mʼ shlabhruidhean,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Philemoin 1:10
14 Iomraidhean Croise  

Agus dh’àithn an rìgh do Ioab, agus do Abisai, agus do Itai, ag ràdh, Buinibh gu sèimh air mo sgàth-sa ris an òganach, ri Absalom. Agus chuala an sluagh uile nuair a dh’àithn an rìgh do na ceannardan uile a‑thaobh Absaloim.


Agus air freagairt do neach den t‑sluagh, thubhairt e, A Mhaighistir, thug mi mo mhac ad ionnsaigh, anns a bheil spiorad balbh:


Air an adhbhar sin guidheam oirbh, a bhràithrean, tre thròcairean Dhè, ur cuirp a thoirt nam beò-ìobairt, naoimh, thaitnich do Dhia, nì as e ur seirbhis reusanta.


Chan eil mi a’ sgrìobhadh nan nithean seo a chur nàire oirbh, ach mar mo chloinn ghràdhaich tha mi gur comhairleachadh.


Oir ged bhiodh deich mìle luchd-teagaisg agaibh ann an Crìosd, gidheadh chan eil agaibh mòran athraichean: oir ann an Iosa Crìosd, ghin mise sibh tron t‑soisgeul.


Mo chlann bheag, air a bheil mi a‑rìs ri saothair, gus an dealbhar Crìosd annaibh,


Maille ri Onesimus, bràthair dìleas agus gràdhach, a tha dhibh fhèin. Nì iad aithnichte dhuibh na h‑uile nithean a tha an seo.


A‑chum Thimòteuis, m’fhìor mhac anns a’ chreideamh: gràs, tròcair, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus o Iosa Crìosd ar Tighearna.


A‑chum Thìtuis, mo dhearbh mhac fhèin a rèir a’ chreidimh choitchinn: gràs, tròcair, agus sìth o Dhia an t‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd, ar Slànaighear.


Neach a bha uaireigin neo-thairbheach dhutsa, ach a‑nis a tha tairbheach dhutsa agus dhòmhsa:


Neach a bu mhiann leam a chumail maille rium fhèin, a‑chum gun dèanadh e frithealadh dhomh ann ad àite-sa, ann an gèimhlean an t‑soisgeil:


Chan eil gàirdeachas agam as mò na bhith a’ cluinntinn gu bheil mo chlann ag imeachd anns an fhìrinn.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan