Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Philemoin 1:1 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Pòl, prìosanach Iosa Crìosd, agus Timòteus ar bràthair, a‑chum Philemoin as ionmhainn leinn, agus ar co‑shaothraiche,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Pòl, prìosanach Iosa Crìosd, agus Timòteus ar bràthair, a‑chum Philemoin as ionmhainn leinn, agus ar co‑shaothraiche,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Pòl, prìosanach Chrìosd Ìosa, agus Timòteus, ar bràthair, Gu Philemon gràdhach 's ar co‑obraiche,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

1 Tha Pòl, a tha na phrìosanach air sgàth Iosa Crìosd, agus ar bràthair Timòteus a' cur na litir seo gu ar co‑obraiche gràdhach Philèmon,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 Pol, priosanach Iosa Criosta, us Timoti, brathair, gu Philemon gradhach agus ar co-oibriche,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Philemoin 1:1
18 Iomraidhean Croise  

An sin thàinig e gu Derbe agus Listra: agus, feuch, bha deisciobal àraidh an sin, dom b’ainm Timòteus, mac mnà àraidh den chinneach Iùdhach a bha na creidmheach; ach bu Ghreugach a b’athair dha:


Oir is co‑luchd-obrach le Dia sinne: is sibhse treabhachas Dhè, is sibh aitreabh Dhè.


Pòl, abstol Iosa Crìosd tre thoil Dhè, agus Timòteus, ar bràthair, a‑chum eaglais Dhè a tha ann an Corintus, maille ris na h‑uile naoimh a tha ann an Achaia uile:


Oir is sibhse uile mic Dhè tre chreideamh ann an Iosa Crìosd.


Air an adhbhar seo, tha mise Pòl, prìosanach Iosa Crìosd air ur son-se, a Chinneacha;


Uime sin, tha mise, prìosanach an Tighearna, a’ guidhe oirbh gun gluais sibh gu cubhaidh don ghairm leis an do ghairmeadh sibh;


Airson a bheil mi am theachdaire ann an gèimhlean: a‑chum gun labhair mi gu dàna uime, mar as còir dhomh labhairt.


Pòl agus Timòteus, seirbhisich Iosa Crìosd, a‑chum nan naomh uile ann an Iosa Crìosd, a tha ann am Philipi, maille ris na h‑easbaigean agus ris na dèaconan:


Gidheadh mheas mi gum b’fheumail Epaphroditus mo bhràthair, agus mo cho-obraiche, agus mo cho-shaighdear, ach ur teachdaire-se, agus an tì a fhritheil dom uireasbhaidh, a chur dur n‑ionnsaigh.


Agus tha mi ag iarraidh ortsa mar an ceudna, a chompanaich dhìleis, dèan còmhnadh ris na mnathan sin a rinn saothair maille riumsa anns an t‑soisgeul, maille ri Clemens, agus a’ chuid eile dem cho-obraichean, aig a bheil an ainmean ann an leabhar na beatha.


Pòl, abstol Iosa Crìosd tre thoil Dhè, agus Timòteus ar bràthair,


Agus Iosa, ris an abrar Iustus, muinntir a tha den timcheall-ghearradh. Is iad sin a‑mhàin mo cho-obraichean a‑chum rìoghachd Dhè, a bha nan comhfhurtachd dhomh.


Agus chuir sinn Timòteus, ar bràthair agus ministear Dhè, agus ar co‑obraiche ann an soisgeul Chrìosd, a‑chum sibhse a dhaingneachadh, agus comhfhurtachd a thoirt dhuibh mu thimcheall ur creidimh;


Pòl, agus Siluanus, agus Timòteus a‑chum eaglais nan Tesalònianach, ann an Dia ar n‑Athair, agus anns an Tighearna Iosa Crìosd:


Uime sin na gabh-sa nàire de fhianais ar Tighearna, no dhìomsa a phrìosanach: ach biodh do chuid agad de àmhghar an t‑soisgeil, a rèir cumhachd Dhè;


Tha Epaphras, mo cho-phrìosanach ann an Iosa Crìosd,


Marcus, Aristarchus, Dèmas, Lùcas, mo cho-luchd-obrach, a’ cur fàilte ort.


Gidheadh is fheàrr leam airson gràidh impidh a chur ort, air a bhith dhomh mar Phòl aosda, agus a‑nis mar an ceudna am phrìosanach airson Iosa Crìosd.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan