Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 7:3 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Oir chan ith na Pharasaich agus na h‑Iùdhaich uile biadh, mura ionnlaid iad an làmhan gu minig, a’ coimhead beul-aithris nan seanairean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Oir chan ith na Pharasaich agus na h‑Iùdhaich uile biadh, mura ionnlaid iad an làmhan gu minig, a’ coimhead beul‐aithris nan seanairean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 (Oir chan ith na Pharasaich 's na h‑Iùdhaich gu lèir biadh mura nigh iad an làmhan gu faiceallach, a' cumail dualchas nan èildearan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

3 (Oir cha bhi na Pharasaich no na h‑Iùdhaich gu lèir ag ithe gun an làmhan a ghlanadh an toiseach, a‑rèir cleachdadh an athraichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Oir cha n-ith na Phairisich, agus na h-Iudhaich uile biadh, mur nigh iad an lamhan gu tric, a leanail beul-aithris nan seanairean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 7:3
10 Iomraidhean Croise  

A’ cur facal Dhè an neo-bhrìgh le ur beul-aithris fhèin, a dh’aithris sibh: agus mòran den leithidean sin de nithean tha sibh a’ dèanamh.


An sin dh’fheòraich na Pharasaich agus na sgrìobhaichean dheth, Carson nach eil do dheisciobail ag imeachd a rèir beul-aithris nan seanairean, ach a tha iad ag ithe arain le làmhan gun ionnlaid?


Agus nuair a chunnaic am Pharasach sin, b’ioghnadh leis nach d’ionnlaid e e fhèin ro a dhìnneir.


Agus bha sia soithichean-uisge de chloich air an cur an sin, a rèir gnàth-glanaidh nan Iùdhach, a ghabhadh dà fheircin no trì, gach aon dhiubh.


Agus gun tàinig mi air m’aghaidh ann an creideamh nan Iùdhach thar mòran dem chomhaoisean am measg mo chinnich fhèin, air dhomh a bhith na bu ro‑eudmhoire mu ghnàthannan mo shinnsireachd.


Thugaibh an aire nach dèan neach air bith fòirneart oirbh tre fheallsanachd agus mealltaireachd dhìomhain, a rèir beul-aithris dhaoine, a rèir ciad-thoiseachan an t‑saoghail, agus chan ann a rèir Chrìosd:


Air dhuibh fios a bhith agaibh nach do shaoradh sibh le nithean truaillidh, mar a tha airgead agus òr, o ur caitheamh-beatha dìomhain, a thugadh dhuibh o ur sinnsireachd;


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan