Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 6:3 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Nach e seo an saor, mac Mhuire, bràthair Sheumais, agus Iòseis, agus Iùdais, agus Shìmoin, agus nach eil a pheathraichean an seo maille rinn? Agus fhuair iad oilbheum ann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Nach e seo an saor, mac Mhuire, bràthair Sheumais, agus Iòseis, agus Iùdais, agus Shìmoin, agus nach eil a pheathraichean an seo maille rinn? Agus fhuair iad oilbheum ann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 Nach e seo an saor, mac Moire agus bràthair Sheumais is Iòsais is Iùdais is Shìmoin? Agus nach eil a pheathraichean an seo còmhla rinn?” Agus ghabh iad oilbheum ma dheidhinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

3 Nach e seo an saor, mac Moire agus bràthair Sheumais is Iòseis is Iùdais is Shìmoin, 's nach eil a pheathraichean ann an seo nar measg?” Chan fhaigheadh iad seachad air a' chnap-starra seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Nach e so an saor, mac Moire, brathair Sheumais, us Ioseiph, us Iuda, us Shimoin? nach eil a pheathraichean an so maille ruinn? Agus ghabh iad sgainneal as.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 6:3
21 Iomraidhean Croise  

Mar seo deir an Tighearna, fear-saoraidh Israeil, a Thì naomh; ris-san a tha air a dhìmeas le daoine, ris-san don do ghabh an cinneach gràin; ri seirbhiseach an luchd-riaghlaidh. Chì rìghrean, agus èiridh iad suas; uachdarain, agus nì iad adhradh; airson an Tighearna a tha dìleas, agus tì naomh Israeil a roghnaich thu.


Agus is beannaichte an tì nach faigh oilbheum annamsa.


Agus air dha a bhith fhathast a’ labhairt ris a’ phoball, feuch, sheas a mhàthair agus a bhràithrean a‑muigh, ag iarraidh labhairt ris.


Agus bha, mar an ceudna, mnathan am fad uapa ag amharc: nam measg sin bha Muire Magdalen, agus Muire, màthair Sheumais a bu lugha, agus Iòseis, agus Salòme;


Agus Anndras, agus Philip, agus Bartolomèus, agus Mata, agus Tòmas, agus Seumas, mac Alphèuis, agus Tadèus, agus Sìmon an Canàanach,


Agus bheannaich Simeon iad, agus thubhairt e ri Muire a mhàthair, Feuch, chuireadh an leanabh seo a‑chum tuiteam agus aiseirigh mhòran ann an Israel, agus na chomharradh an aghaidh an labhrar:


Agus is beannaichte esan nach faigh oilbheum annamsa.


Agus dh’innseadh dha le dream àraidh, a thubhairt, Tha do mhàthair agus do bhràithrean nan seasamh a‑muigh, ag iarraidh d’fhaicinn.


Thubhairt Iùdas (chan e Iscariot) ris, A Thighearna, carson a dh’fhoillsicheas tu thu fhèin dhuinne, agus nach dèan thu sin don t‑saoghal?


Agus thubhairt iad, Nach e seo Iosa mac Iòseiph, neach aig an aithne dhuinn a athair agus a mhàthair? Cionnas mas eadh a tha e ag ràdh, Thàinig mi a‑nuas o nèamh.


Agus nuair a thàinig iad a‑steach, chaidh iad suas do sheòmar uachdarach, far an robh a’ fantainn Peadar, agus Seumas, agus Eòin, agus Anndras, Philip, agus Tòmas, Bartolomèus, agus Mata, Seumas mac Alphèuis, agus Sìmon Selotes, agus Iùdas bràthair Sheumais.


Ach air dhàsan smèideadh orra le a làimh iad a bhith nan tosd, chuir e an cèill dhaibh cionnas a thug an Tighearna as a’ phrìosan e. Agus thubhairt e, Innsibh na nithean seo do Sheumas agus do na bràithrean. Agus air dol a‑mach dha, chaidh e gu àit eile.


Ach tha sinne a’ searmonachadh Chrìosd air a cheusadh, na cheap-tuislidh do na h‑Iùdhaich, agus do na Greugaich na amaideachd;


Nach eil againne comas ithe agus òl?


Ach neach air bith eile de na h‑abstoil chan fhaca mi, ach Seumas, bràthair an Tighearna.


A’ teachd da ionnsaigh-san, mar gu cloich bheò, a dhiùltadh gu deimhinn le daoine, ach air a taghadh le Dia agus luachmhor;


Iùdas, seirbhiseach Iosa Crìosd, agus bràthair Sheumais, a‑chum an dream a tha air an naomhachadh le Dia an t‑Athair, agus air an coimhead le Iosa Crìosd, air an gairm:


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan