Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 5:3 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Aig an robh a chòmhnaidh anns na h‑àitean-adhlaic; agus cha b’urrainn neach air bith a cheangal, eadhon le slabhraidhean:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Aig an robh a chòmhnaidh anns na h‑àitean‐adhlaic; agus cha b’urrainn neach air bith a cheangal, eadhon le slabhraidhean:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 aig an robh a dhachaigh anns na tuaman, agus cha b' urrainn neach sam bith a cheangal tuilleadh, fiù 's le sèinichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

3 's e a' tighinn on chladh far an robh e a' còmhnaidh. Cha chumadh duine sam bith ceangailte e, fiù 's le sèinichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Aig an robh a thuineadh anns na h-uaighean, ʼs cha bʼurrainn do dhuine air bith a cheangal a nis, ged bʼ ann le slabhruidhean:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 5:3
6 Iomraidhean Croise  

A tha a’ fantainn am measg nan àiteachan-adhlaic, agus a’ gabhail còmhnaidh anns na h‑uaimhean; a tha ag ithe feòil mhuc, agus aig a bheil sùgh nithean gràineil nan soithichean.


(Oir bha e air toirt àithne don spiorad neòghlan dol a‑mach as an duine. Oir bu tric a rug e gu naimhdeil air: agus cheangladh e le slabhraidhean, agus choimheadadh an gèimhlean e; agus air briseadh a chuibhreach dha, dh’iomaineadh e leis an deamhan don fhàsach.)


Agus nuair a chaidh e a‑mach as an luing, air ball thachair air as na h‑àitean-adhlaic duine anns an robh spiorad neòghlan,


Oir chaidh a cheangal gu tric le gèimhlean agus le slabhraidhean, agus tharraing e na slabhraidhean as a chèile, agus mhion-bhris e na gèimhlean. Agus cha b’urrainn duine sam bith a cheannsachadh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan