Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 4:8 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Agus thuit cuid eile air talamh math, agus thug e toradh uaithe a’ fàs suas agus a’ meudachadh; agus thug e a‑mach, cuid a dheich-ar‑fhichead uiread, agus cuid a thrì-fichead uiread, agus cuid a cheud uiread is a chuireadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Agus thuit cuid eile air talamh math, agus thug e toradh uaithe a’ fàs suas agus a’ meudachadh; agus thug e a‑mach, cuid a dheich‐ar‑fhichead uiread, agus cuid a thrì‐fichead uiread, agus cuid a cheud uiread is a chuireadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

8 Agus thuit cuid eile air talamh math is thug e toradh a‑mach, a' fàs suas agus a' meudachadh, is ghiùlain e a thrithead, a sheasgad 's a cheud uiread.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

8 Thuit cuid eile air talamh math. Dh'fhàs e suas 's thàinig toradh air, a dheich-ar‑fhichead urad 's a thrì fichead urad 's a cheud urad.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

8 Agus thuit cuid eile air talamh math; agus dhʼfhas e suas, us chinnich e, agus thug e bhuaithe toradh, cuid deich thar fhichead, cuid tri fichead, agus cuid ciad fillte.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 4:8
21 Iomraidhean Croise  

An sin shìol-chuir Isaac anns an tìr sin, agus fhuair e anns a’ bhliadhna sin fhèin a cheud uiread is a chuir e, agus bheannaich an Tighearna e.


Glaodh gu h‑àrd, na caomhain; mar ghall-truimp tog suas do ghuth; agus nochd dom shluagh-sa an easaontas, agus do thaigh Iàcoib an lochdan.


Nach ionann m’fhacal-sa agus teine? deir an Tighearna; agus nach ionann e agus òrd a bhriseas a’ chreag na bloighdean?


Ach an tì ud a ghabh sìol ann an deagh fhearann, is e sin an neach a tha a’ cluinntinn an fhacail, agus ga thoirt fa‑near; neach mar an ceudna a tha a’ giùlan toraidh, agus a tha a’ toirt a‑mach cuid a cheud uiread, cuid a thrì-fichead, agus cuid eile a dheich-ar‑fhichead uiread is a chuireadh.


Ach thuit cuid eile ann am fearann math, agus thug e toradh a‑mach, cuid a cheud uiread, cuid a thrì-fichead, cuid a dheich-ar‑fhichead uiread is a chuireadh.


Agus is iad seo iadsan a chuireadh ann an talamh math; an dream a chluinneas am facal, agus a ghabhas e, agus a bheir a‑mach toradh, cuid a dheich-ar‑fhichead uiread, cuid a thrì-fichead uiread, agus cuid a cheud uiread is a chuireadh.


Agus thuit cuid eile am measg droighinn, agus dh’fhàs an droigheann suas, agus thachd e e, agus cha tug e toradh uaithe.


Agus thubhairt e riu, An tì aig a bheil cluasan a‑chum èisdeachd, èisdeadh e.


Ach an nì a thuit anns an talamh mhath, is iad sin iadsan, air dhaibh am facal èisdeachd, a tha ga choimhead ann an cridhe treibhdhireach agus math, agus a’ toirt toraidh uapa le foighidinn.


Agus thuit cuid eile air talamh math, agus dh’fhàs e suas, agus thug e toradh uaithe, a cheud uiread is a chuireadh. Agus air dha na nithean sin a ràdh, ghlaodh e, Ge bè aig a bheil cluasan a‑chum èisdeachd, èisdeadh e.


Is mise an fhìonain, sibhse na geugan: an tì a dh’fhanas annamsa agus mise annsan, bheir esan mòr-thoradh uaithe; oir as m’eugmhais-sa chan urrainn sibh aon nì a dhèanamh.


Mas àill le neach sam bith a thoil-san a dhèanamh, bidh fios aige mun teagasg, an ann o Dhia a tha e, no a bheil mise a’ labhairt uam fhèin.


Bha iad sin na b’uaisle na muinntir Thesalonìca, oir ghabh iad am facal dan ionnsaigh leis an uile thogradh, a’ rannsachadh nan sgriobtar gach aon là, a dh’fheuchainn an robh na nithean sin mar sin.


Anns a bheil an aitreabh uile, ceangailte gu ceart ri chèile, a’ fàs suas a‑chum a bhith na teampall naomh anns an Tighearna:


Air ur lìonadh le toradh na fìreantachd, a tha tre Iosa Crìosd a‑chum glòir agus cliù Dhè.


A thàinig dur n‑ionnsaigh-se, mar anns an t‑saoghal uile; agus a tha a’ toirt toraidh uaithe, mar a tha e a’ dèanamh mar an ceudna nur measg-se, on là anns an cuala sibh e, agus anns an d’fhuair sibh eòlas air gràs Dhè ann am fìrinn.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan