Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 4:29 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

29 Ach nuair a tha an toradh abaich, air ball cuiridh e an corran ann, a chionn gu bheil am fogharadh air teachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

29 Ach nuair a tha an toradh abaich, air ball cuiridh e an corran ann, a chionn gu bheil am fogharadh air teachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

29 Ach nuair a tha a' ghràinne abaich, sa bhad cuiridh e an corran a‑steach, a chionn 's gu bheil am fogharadh air tighinn.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

29 Ach cho luath 's a tha am bàrr abaich, tha e ga bhuain leis a' chorran, oir tha am foghar air tighinn.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

29 ʼS nuair a tha ʼn toradh abaich, cuiridh e an corran ris gun dàil, bho na tha am faghar air tighinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 4:29
9 Iomraidhean Croise  

Thig thu ann an làn aois a‑chum na h‑uaighe, mar a chuirear suas cruach arbhair na h‑àm.


Sàthaibh an corran, oir tha am fogharadh abaich; thigibh, gabhaibh sìos, oir tha an t‑amar-fìona làn, tha na dabhachan a’ cur thairis: oir tha an aingidheachd mòr.


Leigibh leo fàs araon gus an tig am fogharadh: agus ann an àm an fhogharaidh their mise ris an luchd-buana, Cruinnichibh air tùs an cogal, agus ceanglaibh e na cheanglachain a‑chum a losgaidh: ach cruinnichibh an cruithneachd dom shabhal.


Oir bheir an talamh a‑mach toradh uaithe fhèin, air tùs am fochann, a‑rìs an dias, an dèidh sin an làn arbhar anns an dèis.


Agus thàinig aingeal eile a‑mach on altair, aig an robh cumhachd os cionn teine, agus ghlaodh e le glaodh àrd ris an Tì aig an robh an corran geur, ag ràdh, Sàth a‑steach do chorran geur, agus cnuasaich bagaidean fìonain na talmhainn: oir tha a fìondhearcan làn-abaich.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan