Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 3:3 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Agus thubhairt e ris an duine aig an robh an làmh sheargte, Eirich anns a’ mheadhon.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Agus thubhairt e ris an duine aig an robh an làmh sheargte, Eirich anns a’ mheadhon.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 Thuirt e ris an duine, am fear leis an làimh sheargte, “Èirich dhan mheadhan.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

3 Thuirt esan ris an duine aig an robh an làmh sheargte, “Seas am meadhon an làir.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Agus thuirt e ris an duine aig an robh an lamh sheargte: Seas suas sa mhiadhon.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 3:3
12 Iomraidhean Croise  

Cha tig fàilling no briseadh air gus an suidhich e breitheanas air an talamh; agus feithidh na h‑eileanan air a lagh.


A‑nis nuair a thuig Daniel gun deachaidh an sgrìobhadh a sheulachadh, chaidh e a‑chum a thaighe agus air da uinneagan a bhith fosgailte na sheòmar ri Ierusalem, thuit e sìos air a ghlùinean trì uairean anns an là, agus rinn e ùrnaigh, agus thug e buidheachas an làthair a Dhè, mar a rinn e anns an aimsir roimhe.


Agus, feuch, bha duine ann aig an robh làmh sheargte: agus (a‑chum gum biodh cùis-dhìtidh aca na aghaidh,) dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh, A bheil e ceadaichte leigheas a dhèanamh air làithean na sàbaid?


Agus rinn iad faire air, a dh’fheuchainn an lèighseadh e e air là na sàbaid, a‑chum gum biodh cùis-dhìtidh aca na aghaidh.


Agus thubhairt e riu, A bheil e ceadaichte math a dhèanamh air làithean na sàbaid, no olc; anam a thèarnadh, no a sgrios? Ach dh’fhan iadsan nan tosd.


Ach thuig esan an smuaintean, agus thubhairt e ris an duine aig an robh an làmh sheargte, Eirich, agus seas a‑mach anns a’ mheadhon. Agus dh’èirich esan, agus sheas e.


Is èiginn dhòmhsa obraichean an tì a chuir uaithe mi a dhèanamh, am feadh is là e: tha an oidhche a’ teachd, nuair nach urrainn aon duine obair a dhèanamh.


Uime sin, mo bhràithrean gràdhach, bithibh-se daingeann, neo-ghluasadach, a’ sìor mheudachadh ann an obair an Tighearna, air dhuibh fios a bhith agaibh nach eil ur saothair dìomhain anns an Tighearna.


Agus na sgìthicheamaid de mhath a dhèanamh: oir ann an àm iomchaidh buainidh sinn, mura fannaich sinn.


Agus gu bheil mòran de na bràithrean anns an Tighearna a’ gabhail misnich om ghèimhlean, leis an tuilleadh mòr-dhànachd a’ labhairt an fhacail gun eagal.


Uime sin, o dh’fhuiling Crìosd air ar son-ne anns an fheòil, armaichibh-se mar an ceudna sibh fhèin leis an inntinn cheudna: oir an tì a dh’fhuiling anns an fheòil, sguir e de pheacadh;


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan