Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 2:2 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Agus air ball chruinnicheadh mòran an ceann a chèile, air chor is nach robh àit a chumadh iad, eadhon timcheall an dorais: agus labhair e am facal riu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Agus air ball chruinnicheadh mòran an ceann a chèile, air chor is nach robh àit a chumadh iad, eadhon timcheall an dorais: agus labhair e am facal riu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 Chaidh mòran a chruinneachadh còmhla, air chor is nach robh an còrr àite ann, fiù 's aig an doras, agus bha e ag aithris an fhacail dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

2 Chruinnich urad a dhaoine 's nach robh àite ann dhan chòrr, fiù 's man doras. Nuair a bha e a' toirt dhaibh a theachdaireachd,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Us chualas gun robh e san tigh, agus chruinnich moran, ionnus ʼs nach faigheadh iad fiu timchioll an doruis, us labhair e am facal riu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 2:2
20 Iomraidhean Croise  

Rinn mi sgeul air d’fhìreantachd anns a’ choitheanal mhòr; feuch, cha do chaisg mi mo bhilean, a Thighearna; is aithne dhut.


Agus dh’fhosgail e a bheul, agus theagaisg e iad, ag ràdh,


Agus an dèidh do Eòin a bhith air a chur am prìosan, thàinig Iosa do Ghalile, a’ searmonachadh soisgeul rìoghachd Dhè,


Agus bha am baile uile air a chruinneachadh a‑chum an dorais.


Agus air fhaotainn dhaibh thubhairt iad ris, Tha gach uile neach gad iarraidh.


Agus air dhàsan dol a‑mach, thòisich e air innse gu ro‑fhollaiseach, agus air a’ chùis a sgaoileadh mun cuairt, air chor is nach faodadh Iosa dol tuilleadh gu follaiseach a‑steach don bhaile; ach bha e a‑muigh ann an àitean uaigneach: agus thàinig iad da ionnsaigh as gach àird.


Agus an dèidh làithean àraidh, chaidh e a‑rìs a‑steach do Chapernàum; agus chualas esan a bhith anns an taigh.


Agus chaidh e a‑mach a‑rìs ri taobh na mara; agus thàinig an sluagh uile da ionnsaigh, agus theagaisg e iad.


Agus nuair a chaidh Iosa a‑mach, chunnaic e sluagh mòr, agus ghabh e truas mòr dhiubh, a chionn gu robh iad mar chaoraich gun bhuachaille aca: agus thòisich e air mòran de nithean a theagasg dhaibh.


Anns an àm sin, nuair a bha sluagh gun àireamh air cruinneachadh, ionnas gu robh iad a’ saltairt air a chèile, thòisich e air a ràdh ra dheisciobail fhèin, Ro gach nì bithibh air ur faicill o thaois ghoirt nam Pharasach, eadhon cealgaireachd.


Agus thàrladh air là àraidh, nuair a bha e a’ teagasg, gu robh nan suidhe an sin Pharasaich agus luchd-teagaisg an lagha, a thàinig as gach uile bhaile de Ghalile, agus de Iudèa, agus o Ierusalem: agus bha cumhachd an Tighearna an làthair a‑chum an slànachadh.


Agus thàrladh an dèidh sin, gun d’imich esan tro gach cathair agus baile, a’ searmonachadh agus a’ cur an cèill soisgeul rìoghachd Dhè, agus an dà‑fhear-dheug maille ris;


Ach is e seo an cosamhlachd: Is e an sìol facal Dhè.


A‑nis chaidh iadsan a sgapadh a‑mach leis an àmhghar a dh’èirich airson Stèphein gu ruig Phenice, agus Cìprus, agus Antioch, gun am facal a labhairt ri aon neach ach ris na h‑Iùdhaich a‑mhàin.


Agus air dhaibh am facal a labhairt ann am Perga, chaidh iad sìos gu Atàlia:


A‑nis nuair a chaidh iad tro Phrigia, agus tìr Ghalàtia, agus a bhacadh dhaibh leis an Spiorad Naomh am facal a labhairt ann an Asia,


An sin air dhaibhsan fianais a dhèanamh agus facal an Tighearna a labhairt, thill iad gu Ierusalem, agus shearmonaich iad an soisgeul ann am mòran de bhailtean nan Samaritanach.


Ach ciod a tha i ag ràdh? Tha m’fhacal am fagas dhut, ann ad bheul, agus ann ad chridhe: is e sin facal a’ chreidimh a tha sinne a’ searmonachadh,


Searmonaich am facal, bi dùrachdach ann an àm agus ann an an‑àm; spreig, cronaich, earalaich leis an uile fhad-fhulangas agus theagasg.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan