Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 2:1 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus an dèidh làithean àraidh, chaidh e a‑rìs a‑steach do Chapernàum; agus chualas esan a bhith anns an taigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Agus an dèidh làithean àraidh, chaidh e a‑rìs a‑steach do Chapernàum; agus chualas esan a bhith anns an taigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Nuair a thàinig e a‑rithist gu Capernàum às dèidh beagan làithean, chaidh cluinntinn gun robh e aig an dachaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

1 Beagan làithean an dèidh sin, nuair a thill e a Chapernàum, chaidh an naidheachd ma sgaoil gun robh e aig an taigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 Agus chaidh e stigh a rithist do Chapharnaum an ceann beagan laithean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 2:1
13 Iomraidhean Croise  

Agus air dha Nàsaret fhàgail, thàinig e agus ghabh e còmhnaidh ann an Capernàum, a tha ri taobh na fairge, ann an leth-iomall Shabuloin agus Nephtalim:


Agus air dol ann an luing dha, chaidh e thar an uisge, agus thàinig e da bhaile fhèin.


Agus air dhàsan dol a‑mach, thòisich e air innse gu ro‑fhollaiseach, agus air a’ chùis a sgaoileadh mun cuairt, air chor is nach faodadh Iosa dol tuilleadh gu follaiseach a‑steach don bhaile; ach bha e a‑muigh ann an àitean uaigneach: agus thàinig iad da ionnsaigh as gach àird.


Agus air ball chruinnicheadh mòran an ceann a chèile, air chor is nach robh àit a chumadh iad, eadhon timcheall an dorais: agus labhair e am facal riu.


Agus chruinnicheadh an sluagh a‑rìs, ionnas nach robh e an comas dhaibh uiread is aran ithe.


Agus nuair a chaidh e a‑steach don taigh on t‑sluagh, chuir a dheisciobail ceist air mu thimcheall a’ chosamhlachd.


Agus air dha èirigh as a sin, chaidh e gu crìochan Thìruis agus Shìdoin: agus nuair a chaidh e a‑steach do thaigh, cha b’àill leis fios a bhith aig neach sam bith air: gidheadh chan fhaodadh e a bhith am falach.


Agus nuair a chaidh e a‑steach don taigh, dh’fheòraich a dheisciobail dheth an uaigneas, Carson nach b’urrainn sinne a thilgeadh a‑mach?


Agus thubhairt e riu, Gun amharas thubhairt sibh rium an gnàth-fhacal seo, A lèigh, leighis thu fhèin: ge bè air bith iad na nithean a chuala sinn a rinneadh leat an Capernàum, dèan mar an ceudna iad an seo ad dhùthaich fhèin.


Agus, feuch, ghiùlain daoine air leabaidh duine air an robh a’ phairilis: agus dh’iarr iad a thoirt a‑steach, agus a chur na làthair-san.


Nuair a chuala esan gu robh Iosa air teachd à Iudèa do Ghalile, chaidh e da ionnsaigh, agus ghuidh e air gun rachadh e sìos, agus gun slànaicheadh e a mhac: oir bha e ri uchd bàis.


A‑nis, nuair a sgaoileadh an t‑iomradh seo, thàinig an sluagh an ceann a chèile, agus bha iad fo amhluadh, do bhrìgh gun cuala gach aon iad a’ labhairt nan cànain fhèin.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan