Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 15:6 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 A‑nis air an fhèill bu ghnàth leis aon phrìosanach, ge bè air bith a dh’iarradh iad, a leigeadh as dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 A‑nis air an fhèill bu ghnàth leis aon phrìosanach, ge bè air bith a dh’iarradh iad, a leigeadh as dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

6 Aig gach fèill bhiodh e a' leigeil ma sgaoil dhaibh aon phrìosanach a dh'iarradh iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

6 A‑nis, aig a h‑uile Fèill-Càisge, bha e na chleachdadh aig Pìlat aon phrìosanach a leigeil ma sgaoil, fear sam bith a dh'iarradh iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

6 A nis air latha na feille bʼabhuist da leigeil mu sgaoil dhaibh aon sa bith dhe na priosanaich, a dhʼiarradh iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 15:6
10 Iomraidhean Croise  

Tha fhios agaibh gu bheil a’ chàisg an dèidh dà là, agus tha Mac an Duine air a bhrath a‑chum a cheusadh.


Ach thubhairt iad, Na dèanamaid e anns an fhèill, air eagal gum bi buaireas am measg a’ phobaill.


Agus bha neach àraidh, dom b’ainm Barabas, ceangailte maille ra chompanaich ann an ceannairc, muinntir a bha air dèanamh mort anns a’ cheannairc.


Ach sheas Peadar aig an doras an leth a‑muigh. Uime sin chaidh an deisciobal sin eile a b’aithne don àrd-shagart a‑mach, agus labhair e ris a’ bhan-dorsair, agus thug e Peadar a‑steach.


An sin air an adhbhar sin thug e thairis dhaibh e, gu bhith air a cheusadh. Agus ghlac iad Iosa, agus thug iad leo e.


Ach air do dhà bhliadhna a bhith air an coileanadh, thàinig Porcius Festus an àite Fhelics; agus air do Fhelics a bhith toileach comain a chur air na h‑Iùdhaich, dh’fhàg e Pòl ceangailte.


Ach air a bhith do Fhestus togarrach air toileachas-inntinn a thoirt do na h‑Iùdhaich, fhreagair e Pòl, agus thubhairt e, An àill leat dol suas gu Ierusalem, agus an sin dol fo bhreitheanas a‑thaobh nan nithean sin nam làthair-sa?


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan