Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 15:4 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

4 Agus chuir Pilat a‑rìs ceist air, ag ràdh, Nach freagair thu nì sam bith? Feuch cia lìon nì air a bheil iad sin a’ toirt fianais ad aghaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

4 Agus chuir Pilat a‑rìs ceist air, ag ràdh, Nach freagair thu nì sam bith? Feuch cia lìon nì air a bheil iad sin a’ toirt fianais ad aghaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

4 Agus cheasnaich Pìlat a‑rithist e: “Nach eil freagairt agad? Seall na tha iad a' cur de chasaidean ort.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

4 Dh'fhaighnich Pìlat dheth a‑rithist, “Nach eil nì sam bith agad ri ràdh? Seall na tha iad a' togail nad aghaidh.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

4 Us dhʼfharraid Pilat a rithist dheth, a g-radh: Nach toir thu freagairt air bith? seall co liuthad ni tha iad a g-agairt na tʼaghaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 15:4
5 Iomraidhean Croise  

Agus air don àrd-shagart èirigh, thubhairt e ris, Nach freagair thu a’ bheag? Ciod e a tha iad sin a’ toirt am fianais ad aghaidh?


An sin thubhairt Pilat ris, Nach cluinn thu cia lìon nithean air a bheil iad a’ toirt fianais ad aghaidh?


Agus chuir na h‑àrd-shagartan mòran de nithean as a leth: ach cha do fhreagair esan aon nì.


Ach cha do fhreagair Iosa nì sam bith tuilleadh; air chor is gun do ghabh Pilat iongantas.


An sin thubhairt Pilat ris, Nach labhair thu riumsa? Nach eil fhios agad gu bheil cumhachd agamsa do cheusadh, agus gu bheil cumhachd agam do chur fa sgaoil?


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan