Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 11:14 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

14 Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e rithe, Nar itheadh neach sam bith toradh dhìotsa o seo suas a‑chaoidh. Agus chuala a dheisciobail e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

14 Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e rithe, Nar itheadh neach sam bith toradh dhìotsa o seo suas a‑chaoidh. Agus chuala a dheisciobail e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

14 Agus thuirt e rithe, “Na itheadh neach sam bith toradh dhìotsa gu bràth tuilleadh.” Agus chuala a dheisciobail e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

14 Thuirt Iosa ris a' chraoibh, “Chan ith duine sam bith toradh dhiotsa gu bràth tuilleadh.” Chuala na deisciobail an nì a thubhairt e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

14 ʼSa freagairt, thuirt e rithe: A so suas gu bràth na itheadh neach meas dhiot. Agus bha dheisciopuil ga chluinntinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 11:14
15 Iomraidhean Croise  

Agus air dha crann-fìge fhaicinn air an t‑slighe, thàinig e da ionnsaigh, agus cha d’fhuair e nì air bith air, ach duilleach a‑mhàin; agus thubhairt e ris, Na fàsadh toradh o seo suas gu bràth ort. Agus chrìon an crann-fìge air ball.


Eisdibh ri cosamhlachd eile: Bha fear-taighe àraidh ann, a phlanndaich fìonlios, agus chuir e gàrradh ma thimcheall, agus chladhaich e ionad-bruthaidh an fhìona ann, agus thog e tùr, agus shuidhich e air tuath e; agus chaidh e fhèin air choigrich.


Agus ge bè neach a thuiteas air a’ chloich seo, brisear e; ach ge bè air an tuit i, nì i mìn-luaithre dheth.


Agus a‑nis tha an tuagh air a cur ri freumh nan crann: air an adhbhar sin, ge bè crann nach toir a‑mach toradh math, gearrar sìos e, agus tilgear anns an teine e.


Gach uile chraobh nach giùlain toradh math, gearrar sìos i, agus tilgear anns an teine i.


Agus air faicinn craoibh-fhìge fada uaithe air an robh duilleach, thàinig e a dh’fheuchainn am faigheadh e nì sam bith oirre: agus air dha teachd da h‑ionnsaigh, cha d’fhuair e nì sam bith ach duilleach; oir cha robh àm tional nam fìgean fhathast ann.


Agus thàinig iad gu Ierusalem: agus chaidh Iosa a‑steach don teampall, agus thòisich e air an dream a bha a’ reic agus a’ ceannach anns an teampall a chur a‑mach, agus thilg e thairis bùird luchd-malairt an airgid, agus cathraichean na muinntir a bha a’ reic chalaman;


Mura fan neach annamsa, tha e air a thilgeadh a‑mach mar ghèig, agus air crìonadh; agus tionailidh daoine iad, agus tilgidh iad anns an teine iad, agus loisgear iad.


Oir an dèidh dhaibh dol as o shalchar an t‑saoghail, tre eòlas an Tighearna agus an t‑Slànaighir Iosa Crìosd, ma bhios iad a‑rìs air an ribeadh annta, agus air an cur fo ghèill, tha a’ chrìoch aca nas miosa na an toiseach.


An tì a nì eucoir, dèanadh e eucoir a‑ghnàth: agus an tì a tha salach, biodh e salach a‑ghnàth: agus an tì a tha na fhìrean, biodh e na fhìrean a‑ghnàth: agus an tì a tha naomh, biodh e naomh a‑ghnàth.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan