Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 1:7 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Agus shearmonaich e, ag ràdh, Tha neach a’ teachd am dhèidh as cumhachdaiche na mise, neach nach airidh mise air cromadh sìos agus barr-iall a bhròg fhuasgladh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Agus shearmonaich e, ag ràdh, Tha neach a’ teachd am dhèidh as cumhachdaiche na mise, neach nach airidh mise air cromadh sìos agus barr‐iall a bhròg fhuasgladh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

7 Agus shearmonaich e ag ràdh, “Tha an t‑Aon a tha a' tighinn às mo dhèidh nas cumhachdaiche na mise, air nach airidh mise air cromadh sìos agus barraill a chuarain fhuasgladh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

7 Seo mar a thubhairt e: “Tha fear a' tighinn ás mo dhèidh a tha nas cumhachdaiche na mise. Chan eil mise airidh air cromadh gu barriall a bhrògan fhosgladh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

7 Tha fear nas cumhachdaiche na mise tighinn am dheigh: neach nach airidh mise air cromadh sios us bariall a bhrogan fhuasgladh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 1:7
11 Iomraidhean Croise  

Gu deimhinn tha mise gur baisteadh le uisge a‑chum aithreachais; ach an tì a thig am dhèidh, is cumhachdaiche e na mi, agus chan airidh mise air a bhrògan a ghiùlan: baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine:


Ach bhac Eòin e, ag ràdh, Tha feum agamsa a bhith air mo bhaisteadh leatsa, agus a bheil thusa a’ teachd am ionnsaigh-sa?


Agus bha Eòin air èideadh le fionnadh chàmhal, agus crios leathair ma leasraidh; agus bu bhiadh dha lòcaist agus mil fhiadhaich.


Bhaist mise gu dearbh sibh le uisge: ach baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh.


Fhreagair Eòin, ag ràdh riu uile, Tha mise gu dearbh gur baisteadh le uisge; ach tha neach a’ teachd as cumhachdaiche na mise, agus chan airidh mise air barr-iall a bhròg fhuasgladh: baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine;


Is e seo an tì, a tha a’ teachd am dhèidh-sa, aig a bheil toiseach orm, neach nach airidh mise air barr-iall a bhròige fhuasgladh.


Agus mar a choilean Eòin a thriall, thubhairt e, An tì a tha sibh a’ saoilsinn as mise, cha mhi e. Ach feuch, tha neach a’ teachd am dhèidh, nach airidh mi air brògan a chas fhuasgladh.


An sin thubhairt Pòl, Bhaist Eòin gu deimhinn le baisteadh an aithreachais, ag ràdh ris an t‑sluagh, iadsan a chreidsinn anns an neach a bha gu teachd na dhèidh-san, sin ri ràdh, ann an Iosa Crìosd.


Agus dh’èirich i, agus chrom i i fhèin air a h‑aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn, agus thubhairt i, Feuch, biodh do bhanoglach na h‑innilt a nighe casan seirbhisich mo thighearna.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan