Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 1:45 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

45 Agus air dhàsan dol a‑mach, thòisich e air innse gu ro‑fhollaiseach, agus air a’ chùis a sgaoileadh mun cuairt, air chor is nach faodadh Iosa dol tuilleadh gu follaiseach a‑steach don bhaile; ach bha e a‑muigh ann an àitean uaigneach: agus thàinig iad da ionnsaigh as gach àird.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

45 Agus air dhàsan dol a‑mach, thòisich e air innse gu ro‑fhollaiseach, agus air a’ chùis a sgaoileadh mun cuairt, air chor is nach faodadh Iosa dol tuilleadh gu follaiseach a‑steach don bhaile; ach bha e a‑muigh ann an àitean uaigneach: agus thàinig iad da ionnsaigh as gach àird.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

45 Ach chaidh esan a‑mach agus thòisich e air tòrr aithris a dhèanamh agus air an naidheachd a sgaoileadh mun cuairt, air chor is nach b' urrainn do dh'Ìosa tuilleadh a dhol gu follaiseach a‑steach do bhaile. Ach dh'fhan e a‑muigh ann an àiteachan fàsail agus bha daoine a' tighinn thuige on a h‑uile taobh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

45 Ach dh'fhalbh esan, 's cha robh tosd a' dol air ach ag innse fad is farsaing mar a thachair dha. Mar sin cha b'urrainn do dh'Iosa tadhal sna bailtean, ach dh'fhan e a‑muigh air an dùthaich. Ann an sin fhèin, bha feadhainn ga ruighinn ás gach àite.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

45 Ach air dhasan dol a mach, thòisich e ri innse, ʼs ri sgaoileadh an sgeoil; air chor ʼs nach bʼurrainn e nis dol a stigh doʼn bhaile gu follaiseach, ach dhʼfhuirich e mach ann an aitean fàs, agus thionail iad as gach aite ga ionnsuidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 1:45
12 Iomraidhean Croise  

Cuimhnichidh mi obraichean an Tighearna; gu deimhinn, cuimhnichidh mi d’iongantasan on aimsir chèin;


Agus ghabh iad an t‑airgead, agus rinn iad mar a theagaisgeadh dhaibh: agus tha a’ chainnt seo air a h‑aithris am measg nan Iùdhach gus an là‑an‑diugh.


Agus chaidh iomradh sin a‑mach air feadh na tìre sin uile.


Ach nuair a dh’imich iad a‑mach, sgaoil iad a chliù air feadh na dùthcha sin uile.


Agus chaidh e a‑mach a‑rìs ri taobh na mara; agus thàinig an sluagh uile da ionnsaigh, agus theagaisg e iad.


Agus chruinnicheadh an sluagh a‑rìs, ionnas nach robh e an comas dhaibh uiread is aran ithe.


Ach chaidh Iosa maille ra dheisciobail air leth a‑chum na mara: agus lean sluagh mòr e o Ghalile, agus o Iudèa.


Agus dh’àithn e dhaibh gun iad a dh’innse sin do neach air bith: ach mar as mò a thoirmisg esan dhaibh, bu mhò gu ro‑mhòr a chuir iadsan an gnìomh am follais;


Agus lean sluagh mòr e, do bhrìgh gum faca iad a mhìorbhailean a rinn e air an dream a bha easlan.


Oir tha mòran ann a tha mì‑riaghailteach, a labhras gu dìomhain, agus a tha nam mealltairean, gu h‑àraidh iadsan a tha den timcheall-ghearradh:


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan