Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 1:41 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

41 Agus ghabh Iosa truas mòr dheth, agus air sìneadh a‑mach a làimhe, bhean e ris, agus thubhairt e ris, Is àill leam; bi‑sa glan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

41 Agus ghabh Iosa truas mòr dheth, agus air sìneadh a‑mach a làimhe, bhean e ris, agus thubhairt e ris, Is àill leam; bi‑sa glan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

41 Agus air a lìonadh le truas, shìn e a‑mach a làmh agus bhean e ris, agus thuirt e, “Is miann leam. Bi glan!”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

41 Bha truas mòr aig Iosa ris. Shìn e a‑mach a làmh, bhean e dha, 's thuirt e ris, “Is math leam dha-rìribh; bi nise slàn.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

41 ʼSa gabhail truais ris, shìn Iosa a lamh, ʼsa beantuinn da, thuirt e ris: Is aill: bi glan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 1:41
12 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Dia, Biodh solas ann: agus bha solas ann.


Oir labhair e agus bha e ann; dh’àithn e, agus sheas e.


Ach nuair a chunnaic e an sluagh, ghabh e truas dhiubh, airson gu robh iad air fannachadh, agus air an sgapadh o chèile, mar chaoraich aig nach eil buachaille.


Agus thàinig lobhar da ionnsaigh, a’ guidhe air, agus a’ lùbadh a ghlùin dha, agus ag ràdh ris, Mas àill leat, tha thu comasach air mise a dhèanamh glan.


Agus cho luath is a labhair e, air ball dh’fhalbh an luibhre uaithe, agus rinneadh glan e.


Agus dh’èirich e, agus chronaich e a’ ghaoth, agus thubhairt e ris an fhairge, Tosd, bi sàmhach. An sin laigh a’ ghaoth, agus bha fiath mòr ann.


Agus rug e air an nìonaig air làimh, agus thubhairt e rithe, Talitha-cumi; is e sin, air eadar-mhìneachadh, A chailinn (tha mise ag ràdh riut), èirich.


Agus nuair a chaidh Iosa a‑mach, chunnaic e sluagh mòr, agus ghabh e truas mòr dhiubh, a chionn gu robh iad mar chaoraich gun bhuachaille aca: agus thòisich e air mòran de nithean a theagasg dhaibh.


Neach air a bhith dha na dhealradh a ghlòire-san, agus na fhìor ìomhaigh a phearsa, agus a’ cumail suas nan uile nithean le facal a chumhachd, nuair a ghlan e ar peacaidhean troimhe fhèin, shuidh e air deas-làimh na mòrachd anns na h‑àrdan:


Uime sin b’fheumail dha anns na h‑uile nithean a bhith air a dhèanamh cosmhail ra bhràithrean; a‑chum gum biodh e na àrd-shagart tròcaireach agus dìleas ann an nithean a‑thaobh Dhè, a‑chum rèite a dhèanamh airson peacaidhean an t‑sluaigh:


Oir chan eil Ard-shagart againn nach eil comasach air co‑fhulangas a bhith aige ri ar n‑anfhainneachdan; ach a bhuaireadh anns na h‑uile nithean air an dòigh cheudna rinne, gidheadh as eugmhais peacaidh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan