Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 1:20 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

20 Agus air ball ghairm e iad; agus dh’fhàg iad Sebede an athair anns an luing maille ris an luchd-tuarasdail, agus lean iad esan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

20 Agus air ball ghairm e iad; agus dh’fhàg iad Sebede an athair anns an luing maille ris an luchd‐tuarasdail, agus lean iad esan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

20 Sa bhad ghairm e iad, agus dh'fhàg iad Sebede an athair san eathar còmhla ris na fir a bh' air am fastadh, agus lean iad esan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

20 Dh'eubh e riusan cuideachd. Dh'fhàg iad an athair Sebede sa bhàta còmhla ris an sgioba is thog iad orra ás a dhèidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

20 Agus ghairm e iad san uair. ʼSa fagail an athar Sebede maille ris an luchd-thuarasdail san t-saghach, lean iad e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 1:20
11 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhàg esan na daimh, agus ruith e an dèidh Eliah, agus thubhairt e, Leig dhomh, guidheam ort, m’athair agus mo mhàthair a phògadh, agus an sin leanaidh mi thu. Agus thubhairt esan ris, Falbh, till; oir ciod a rinn mise ort?


An tì a ghràdhaicheas athair no màthair nas mò na mise, chan airidh orm e: agus an tì a ghràdhaicheas mac no nighean os mo chionn-sa, chan airidh orm e:


Agus nuair a chaidh e beagan air aghaidh as a sin chunnaic e Seumas mac Shebede, agus Eòin a bhràthair, agus iad anns an luing a’ càradh an lìon.


Agus chaidh iad a‑steach do Chapernàum; agus air ball air dha dol a‑steach don t‑sionagog air an t‑sàbaid, theagaisg e.


Ach fhreagair Iosa, agus thubhairt e, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach eil neach sam bith a dh’fhàg taigh, no bràithrean, no peathraichean, no athair, no màthair, no bean-phòsda, no clann, no fearann, air mo shon-sa agus airson an t‑soisgeil,


Ma thig neach air bith am ionnsaigh-sa, agus nach fuathaich e a athair, agus a mhàthair, agus a bhean-phòsda, agus a chlann agus a bhràithrean, agus a pheathraichean, seadh, agus a bheatha mar an ceudna, chan eil e an comas dha a bhith na dheisciobal dhòmhsa.


Agus nuair a thug iad am bàtaichean gu tìr, dh’fhàg iad na h‑uile nithean, agus lean iad esan.


Uime sin, chan aithne dhuinne à seo suas aon duine a rèir na feòla: seadh, ged a b’aithne dhuinn Crìosd a rèir na feòla, gidheadh a‑nis chan aithne dhuinn e nas mò.


A thubhairt ra athair agus ra mhàthair, Chan fhaca mi e; agus cha do ghabh e ra bhràithrean, agus cha d’aithnich e a chlann fhèin: oir choimhead iad d’fhacail, agus ghlèidh iad do choicheangal.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan