Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 1:10 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

10 Agus air ball, nuair a chaidh e suas as an uisge, chunnaic e na nèamhan air am fosgladh, agus an Spiorad mar chalaman a’ teachd a‑nuas air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

10 Agus air ball, nuair a chaidh e suas as an uisge, chunnaic e na nèamhan air am fosgladh, agus an Spiorad mar chalaman a’ teachd a‑nuas air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

10 Nuair a bha e a' tighinn a‑nìos às an uisge, chunnaic e na nèamhan gan reubadh fosgailte agus an Spiorad a' tighinn a‑nuas air mar chalman.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

10 Cho luath 's a thàinig e a‑mach ás an uisge, chunnaic e na speuran a' fosgladh agus an Spiorad a' laighe air mar chalman.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

10 ʼS air ball a direadh as an uisge, chunnaic ʼe neamh fosgailte, ʼs an Spiorad mar chalman a tearnadh ʼsa fantuinn air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 1:10
8 Iomraidhean Croise  

Feuch m’òglach, a chumas mi suas; m’aon taghte, anns a bheil tlachd aig m’anam: chuir mi mo Spiorad air; foillsichidh e breitheanas do na cinnich.


O gun reubadh tu o chèile na nèamhan, gun tigeadh tu a‑nuas, gun sruthadh na slèibhtean sìos ann ad làthair;


Agus thàrladh, anns an deicheamh-bliadhna-fichead, anns a’ cheathramh mìos, air a’ chòigeamh là den mhìos, air dhòmhsa a bhith am measg nam braighdean aig abhainn Chebair, gun d’fhosgladh na nèamhan, agus chunnaic mi taisbeanaidhean Dhè.


Agus nuair a bhaisteadh Iosa, chaidh e air ball suas as an uisge; agus, feuch, dh’fhosgladh nèamh dha, agus chunnaic e Spiorad Dhè a’ tùirling mar chalaman, agus a’ teachd air:


Agus thàinig guth o nèamh, ag ràdh, Is tusa mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr-thlachd.


Agus thàrladh anns na làithean sin gun tàinig Iosa o Nàsaret Ghalile, agus bhaisteadh e le Eòin ann an Iòrdan.


Agus gun tàinig an Spiorad Naomh a‑nuas air ann an coslas corporra mar chalaman, agus gun tàinig guth o nèamh, ag ràdh, Is tusa mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr-thlachd.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan