Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 2:2 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 (Agus rinneadh an ciad mheas seo nuair a bha Cirenius na uachdaran air Siria.)

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 (Agus rinneadh an ciad mheas seo nuair a bha Cirenius na uachdaran air Siria.)

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 (B' e seo a' chiad chlàradh a chaidh a dhèanamh nuair a bha Cuirinius na riaghladair air Siria.)

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

2 Bu mhòr an oillt, ach thuirt e riutha, na gabhaibh geilt no sgàth, Oir sgeul ro ait tha agam dhuibh, is do gach linn gu bràth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Us rinneadh a chiad aireamh so le Cirinus uachdran Shiria.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 2:2
9 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh a chliù air feadh Shiria uile, agus thug iad da ionnsaigh iadsan uile a bha easlan, agus a bha air an cuibhreachadh le galaran, agus iomadh gnè phiantan, agus iadsan aig an robh deamhain annta, agus air an robh an tuiteamach, agus luchd-pairilis; agus shlànaich e iad.


Agus thàrladh anns na làithean sin gun deachaidh òrdagh a‑mach o Chèasar Augustus an domhan uile a mheas.


Agus chaidh iad uile a‑chum a bhith air am meas, gach aon fa leth da bhaile fhèin.


A‑nis anns a’ chòigeamh-bliadhna-deug de ìmpireachd Thiberiuis Chèasair, air bhith do Phontias Pilat na uachdaran air Iudèa, agus Herod na thetrarc air Galile, agus Philip a bhràthair na thetrarc air Iturèa agus dùthaich Thrachonitis, agus Lisanias na thetrarc air Abilene,


Neach a bha maille ri Sergius Paulus an t‑uachdaran, duine tuigseach; air dhàsan Barnabas agus Saul a ghairm da ionnsaigh, dh’iarr e facal Dhè a chluinntinn.


Agus nuair a bha Galio na uachdaran air Achaia, dh’èirich na h‑Iùdhaich a dh’aon inntinn an aghaidh Phòil, agus thug iad e gu cathair a’ bhreitheanais;


Beatha agus slàinte o Chlaudius Lisias, a‑chum an uachdarain ro‑òirdheirc Felics.


Agus air dha na briathran seo a labhairt, dh’èirich an rìgh, agus an t‑uachdaran, agus Bernice, agus an dream a shuidh maille riu:


An dèidh an fhir seo dh’èirich Iùdas an Galilèach suas, ann an làithean na cìs-mheasaidh, agus tharraing e mòran sluaigh na dhèidh: sgriosadh esan mar an ceudna, agus a mheud is a ghèill dha sgapadh iad uile.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan