Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 18:1 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus labhair e cosamhlachd riu, a’ nochdadh gur còir ùrnaigh a dhèanamh a‑ghnàth, agus gun fhannachadh;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Agus labhair e cosamhlachd riu, a’ nochdadh gur còir ùrnaigh a dhèanamh a‑ghnàth, agus gun fhannachadh;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 An uair sin dh'innis e cosamhlachd dhaibh a' sealltainn gum bu chòir ùrnaigh a dhèanamh an‑còmhnaidh agus gun a bhith a' call misneachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 Agus labhair e dubhfhacal riu, gur còir dhuinn a bhith ri urnaigh daonnan, ʼs gun fhailneachadh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 18:1
26 Iomraidhean Croise  

Bheir e an aire do ùrnaigh nan dìobarach, agus cha dèan e tàir air an athchuinge.


Gidheadh chreid mise gum faicinn maitheas an Tighearna ann an tìr nam beò.


O thusa a dh’èisdeas ri ùrnaigh, thugadsa thig gach feòil.


Dèan tròcair orm, a Thighearna, oir tha mi a’ glaodhaich riut gach là.


Ach iadsan a dh’fheitheas air an Tighearna, gheibh iad spionnadh nuadh; èiridh iad suas mar iolair air a sgiathan; ruithidh iad agus cha bhi iad sgìth, siùbhlaidh iad agus chan fhàs iad fann.


Agus na tugaibh fois dha, gus an daingnich e agus gus an dèan e Ierusalem na cliù air an talamh.


An sin gairmidh sibh orm, agus thèid sibh agus nì sibh ùrnaigh rium, agus èisdidh mise ribh.


Nuair a dh’fhannaich m’anam an taobh a‑staigh dhìom, chuimhnich mi air an Tighearna; agus thàinig m’ùrnaigh ad ionnsaigh, gud theampall naomh.


Oir gach neach a dh’iarras, glacaidh e: agus an tì a shireas, gheibh e: agus don tì a bhuaileas, fosglar.


Dèanaibh-se air an adhbhar sin faire, a’ dèanamh ùrnaigh gach àm, a‑chum gum measar gur airidh sibh air dol as o na nithean sin uile a tha gu teachd, agus seasamh an làthair Mac an Duine.


A’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas; foighidinneach ann an trioblaid; maireannach ann an ùrnaigh:


Uime sin, air don mhinistrealachd seo a bhith againn, a rèir mar a fhuair sinn tròcair, chan eil sinn a’ fannachadh:


Agus na sgìthicheamaid de mhath a dhèanamh: oir ann an àm iomchaidh buainidh sinn, mura fannaich sinn.


A’ dèanamh ùrnaigh a‑ghnàth leis gach uile ghnè ùrnaigh agus aslachaidh anns an Spiorad, agus a’ dèanamh faire a‑chum an nì seo fhèin maille ris gach uile bhuanachadh, agus ghuidhe airson nan naomh uile;


Na biodh ro‑chùram nì sam bith oirbh: ach anns gach uile nì le ùrnaigh agus aslachadh maille ri breith-buidheachais, biodh ur n‑iarrtais air an dèanamh aithnichte do Dhia.


Tha Epaphras, a tha dhibh fhèin, seirbhiseach Chrìosd, a’ cur fàilte oirbh, a‑ghnàth a’ dèanamh spàirn dhùrachdaich air ur son ann an ùrnaighean, a‑chum gun seas sibh foirfe agus coileanta, ann an uile thoil Dhè.


Buanaichibh ann an ùrnaigh, a’ dèanamh faire innte le breith-buidheachais;


Dèanaibh ùrnaigh gun sgur.


Agus nuair a bhuanaich i ri ùrnaigh an làthair an Tighearna, thug Eli fanear a beul.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan