Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 1:72 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

72 A choileanadh na tròcair a gheall e dar n‑athraichean, agus a chuimhneachadh a choicheangail naoimh fhèin:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

72 A choileanadh na tròcair a gheall e dar n‑athraichean, agus a chuimhneachadh a choicheangail naoimh fhèin:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

72 A dhèanamh tròcair air ar n‑athraichean, agus an cùmhnant naomh aige a chuimhneachadh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

72 Gu trocair fhiachuinn dha ʼr n-aithrichean, ʼsa thiomnadh naomh a chuimhneachadh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 1:72
21 Iomraidhean Croise  

Agus beannaichidh mi iadsan a bheannaicheas thu, agus iadsan a mhallaicheas thu mallaichidh mi; agus annadsa beannaichear uile theaghlaichean na talmhainn.


Agus beannaichear ann ad shliochd-sa uile chinnich na talmhainn, a chionn gun d’èisd thu rim ghuth.


Agus bheir mi air do shliochd fàs lìonmhor mar reultan nèimh, agus bheir mi dod shliochd na dùthchannan sin uile: agus beannaichear ann ad shliochd-sa uile chinnich na talmhainn;


Agus bidh do shliochd mar dhuslach na talmhainn; agus sgaoilidh tu a‑mach a dh’ionnsaigh na h‑àird an iar agus na h‑àird an ear, agus a dh’ionnsaigh na h‑àird a tuath agus na h‑àird a deas: agus beannaichear annadsa uile theaghlaichean na talmhainn, agus ann ad shliochd.


A rinn e ri Abrahàm, agus a mhionnan do Isaac:


Oir chuimhnich e a ghealladh naomh do Abrahàm, a sheirbhiseach.


Agus chuimhnich e dhaibh a choicheangal, agus ghabh e aithreachas a rèir lìonmhorachd a thròcairean.


Thug e lòn dhaibhsan don eagal e; cuimhnichidh e gu bràth a choicheangal.


Chuimhnich e a thròcair agus a fhìrinn do theaghlach Israeil; chunnaic uile chrìochan na talmhainn slàinte ar Dè.


Gidheadh cuimhnichidh mi mo choicheangal riut ann an làithean d’òige, agus daingnichidh mi riut coicheangal sìorraidh.


Agus nuair a ghabh mise seachad dlùth dhut, agus a dh’amhairc mi ort, feuch, bha d’aimsir na h‑aimsir ghràidh, agus sgaoil mise mo sgioball os do chionn, agus dh’fhalaich mi do lomnochdaidh: seadh mhionnaich mi dhut, agus thionnsgain mi ann an coicheangal riut, deir an Tighearna Dia, agus bu leamsa thu.


An sin cuimhnichidh mise mo choicheangal ri Iàcob, agus mar an ceudna mo choicheangal ri Isaac, agus mar an ceudna mo choicheangal ri Abrahàm cuimhnichidh mi; agus cuimhnichidh mi am fearann.


Coileanaidh tu an fhìrinn do Iàcob, agus an tròcair do Abrahàm, a mhionnaich thu dar n‑athraichean o na làithean o shean.


A‑thaobh an t‑soisgeil, is naimhdean iad air ur son-se: ach a‑thaobh an taghaidh, tha iad gràdhaichte air sgàth nan athraichean.


A tha nan Israelich; dom buin an uchd-mhacachd, agus a’ ghlòir, agus na coicheangail, agus tabhairt an lagha, agus seirbhis Dhè, agus na geallaidhean;


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan